Jump to content

José María Melo

O Uicipeid
José María Melo
Ceann-suidhe Choloimbia

17 dhen Ghiblean 1854 - 4 dhen Dùbhlachd 1854
José María Obando - José de Obaldía
Beatha
Breith Chaparral, 9 dhen Dàmhair 1800
Dùthaich  Coloimbia
Bàs La Trinitaria, 1 dhen Ògmhios 1860
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus oifigear
Ìre oifigeach coitcheann
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B’ e José María Dionisio Melo y Ortiz (Chaparral, Tolima, Coloimbia[1] 9 an Dàmhair 1800 - La Trinitaria, Meagsago 1 dhen t-Ògmhios 1860) saighdear agus neach-poileataigs a rugadh ann an Coloimbia, nuair a bha an dùthaich fhathast am broinn na Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire. ‘S e Tùsanach Pijao a bh’ann, is ‘s e Manuel Antonio Melo agus María Antonia Ortiz a bh’ann a chuid phàrant. Thogadh e ann an Ibagué. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha aig àm an Ar-a-mach dhe 1854.[2][3] Bha càirdeas fad às aige do Roberto Urdaneta Arbeláez, a bha na cheann-suidhe eadar 1951 agus 1953.[4]

Saighdear an Neo-eisimeileachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh e gu Arm na Saorsa 21 an Giblean 1819 mar leas-oifigear, fo Dhaniel Castañeda. Fhuair e deagh chliù aig Blàr Manizales. Bha e an sàs ann an cha mhòr gach uile blàr cudromach iomairt Neo-Eisimeileachd Aimearaga a Deas: aig Bomboná agus Pichincha ann an 1822; aig Junín, agus aig a’ Bhlàr Ayacucho, am blàr a dhearbhaich neo-eisimeileachd seann tìrean fo bhuaidh na Spàinne ann an Aimearaga a Deas. Chaidh suaicheantas a chur airsan iomadh turas airson a rinn e aig na blàran sin is fiù 's fhuair e ìomhaigh ealanta Bholívar fhèin. Ghabh e pàirt ann an cuairteachadh a’ bhaile El Callao ann an 1825, agus aig Blàr Portete de Tarqui ann an 1829. Phòs e María Teresa Vargas anns a’ chiad bhainnse aige, agus fhuair iad dithis chloinne còmhla.

Reubaltach Bolivarianach

[deasaich | deasaich an tùs]

Leig Bolívar ceannas na dùthcha 27 an Giblean 1830, leis gun do dh’fhàs e gu math tinn is na luchd-dùbhlain ga sgiùrsadh. Spìon a chuid nàmhaid Coloimbia Mhòr às a chèile. Chaidh am fear-ionaid dearbha aige, Antonio José de Sucre, a mharbhadh 4 an t-Ògmhios. Chuir an Còmhdhail, a bha ri taobh Bholívar, a chuid taic dha na oifigearan a dh’fheuch ri beachdan Bholívar a dhìon. Bha an Seanalair Rafael Urdaneta nam measg, agus chuir esan Domingo Caycedo Santamaría às an dreuchd agus ghabh e ceannas na dùthcha os làimhe gu neo-bhuan 5 an t-Sultain.

Nuair a chaochail Bolívar 17 an Dùbhlachd, dh’fhàs an suidheachadh na bu mhiosa airson a chuid charaid. Ghairm Caycedo gur e esan a bha fhathast na cheann-suidhe. Thug Urdaneta an dreuchd air ais gu Caycedo, mu dheireadh thall, tro Chòrdadh Juntas de Apulo 2 an Cèitean 1831. Chaidh Melo agus corra oifigear eile a chur a-mach às an dùthaich mar phàirt dhen chòrdadh.

Chaidh Melo chun A' Bheiniseala, còmhla ris a’ cho-bhràthair-chèile Urdaneta. Dh’aontaich e ri buidheann dhe oifigearan tìr-ghràdhaiche a dh’èirich an aghaidh José María Vargas, ann an 1835, is iad airson ath-thogail na Coloimbia Mòire, leasachaidhean poiliteagach agus crìonadh smachd eaconamach nan uachdaran, ga neartachadh tro ghnothach às-mhalairt agus in-mhalairt. Eadar na oifigearan sin a fhuair deagh chliù tro iomairt an neo-eisimeileachd, bha corra Bholivarianach ainmeil mar Luis Peru de Lacroix, dìon-chòmhla Bholívar fhèin, agus fiù’s fìor nàmhaid Bholívar mar Pedro Carujo. Bha Santiago Mariño, Pedro Briceño, Diego Ibarra agus Julián Castro os cionn an ar-a-mach. Cha d’ fhuair iad ach buadhachas sealach. Chaidh na Reubaltaich gan cur air leth thall thairis bho na teaghlaichean, feadhainn chun na Cairibian is feadhainn eile a Niocaragua, nuair a fhuair an Seanalair José Antonio Páez an Riaghaltas air ais le taic bho Urdaneta

Melo na Shòisealach

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Melo gus an Roinn Eòrpa ann an Dùbhlachd 1836, far an robh e na oileanach aig an Sgoil Saighdearachd ann am Bremen, anns A' Ghearmailt. Thug na beachdan sòisealach, is iad gan deasbad aig ìre na sgìre, buaidh mhòr air. Dh’fhàs e eòlach air na beachdan aig Charles Fourier, a chàineadh gun Tionndaidh am pailteas gu adhbhar dhe beairteas agus bochdainn anns an Roinn Eòrpa. Leugh e An Gnìomhachas agus An Siostam le Henri de Saint-Simon. Thug buidheann ùr na h-aonaidhean-ciùird agus gnothach na Cairteachd, a nochd ann am Breatainn Mhòir ann an 1838, buaidh uabhasach làidir airsan fhèin.

Thill e gu Ibagué ann an 1841, far an do dh’fhàs e a bhith ceannard poiliteagach na sgìre. Phòs e, airson an darna turas, ann an 1843, le Juliana Granados, à Panama, is fhuair iad balach còmhla, Máximo. Bha e an sàs ann an steidheachadh na Buidhnean Dheamocratach is chuir iad na luchd-chiùird ri chèile leis na inntleachdaich sòisealach fo bhuaidh Saint-Simon agus Fourier, is iad leughadairean lasach a chuid obrach aig Luis Blanc, Eagrachadh na h-Obrach agus an leabhar ùr aig Proudhon, Dè a tha ann an t-Sealbahadaireachd?. Bha ceannardan na luchd-ciùird air a bhith an sàs ann am Buidhnean a’ Bhìoball, gan cruthachadh airson eadar-theangachadh Spàinntis a’ Bhìoball a leughadh, leis gu robh iad dhen bheachd gur e teachdaireachd shòisealach airson na daoine bochd a dhìon a bh’ann. Bha na buidhnean sin an aghaidh na saor-mhalairt leis a’ Bhreatainn Mhòir, An Fhraing agus na Stàitean Aonaichte o chionns gun do chuireadh in-mhalairt cron air leasachadh a’ ghnìomhachais nàiseanta. Dh’iarr iad gum leanadh Àiteachan ghleidhidh nan Tùsanach agus chur às dhan Tràilleachd. A bharrachd air sin dhiùlt iad an Còrdadh Mallarino-Bidlack leis na Stàitean Aonaichte, ris a chuir an ceann-suidhe Tòraidh Tomás Cipriano de Mosquera ainm, a leig dha na Stàitean a ghabh a-steach ann am Panama.

Thug na Buidhnean Dheamocratach taic dhan Sheanalair Bholivarianach José Hilario López mar thagraiche a’ chinneas oir bha esan airson an Tràilleachd a chur às. ‘S e taghaidhean neo-dhìreach a bh’ann aig an àm ud, is thaghadh na saoranaich fireannach an cuid riochdairean. Ghabh López fàth air sgaradh nan Tòraidh, agus fhuair e tuilleadh bhòtaichean na tagraiche sam bith nan triùir Tòraidh agus dh’èirich na daoine ann am Bogotá airson aonadh nan Tòraidh a sheachnadh. Ga thaghadh na cheann-suidhe, chaidh dà lagh a sgrìobhadh ann an reachdas ann an 1850: fear a mhol Ministear an Ionmhais Manuel Murillo Toro, lagh leasachadh an àiteachais leis an t-Sluagh-ghairm Bu chòir dha obair an fhearainn a bhith ri chùlaibh sealbhadaireachd an fhearainn, is fear eile a chuir crìoch air luach-rèidh airson An sluagh a shaorachadh bhon ùsaireachd; agus, mu dheireadh thall, chaidh Lagh Saorsa nan Tràillean a sgrìobhadh ann an reachdas 21 an Cèitean 1851.

Rinn Na Tòraidh, fo stiùireadh Julio Arboleda (sealbhadair tràillean), ar-a-mach armachd an aghaidh na laghan ùra sin, is iad a’ càineadh gun do chuir López an Comann Iosaid, mar leisgeul airson an cuid dhùbhlain dha na leasachaidhean. Chaidh ar-a-mach nan Tòraidh ann an Cundinamarca fo stiùireadh dithis bhràthair: Pastor agus Mariano Ospina Rodríguez. B’ fheudar dha López a thoirt Melo air ais airson ruaig a chur air an ar-a-mach is dh’ àrdaich e gu Seanalair, rud a bha uabhasach mòr-chòrdte eadar na saighdearan le sin b’ urrainn dhàsan buaidh a gabhail air na Reubaltaich ann an Guasca. Bha e os cionn an còmhstri aig Montepío Militar an dèidh call nan Tòraidh, bho 13 an Lùnasdal 1851 agus chaidh e a dh’ainmeachadh Ceannard an Airm ann an Cundinamarca 19 an t-Ògmhios 1852.

Cogadh Sìobhalta 1854

[deasaich | deasaich an tùs]

Nochd sgaradh am broinn an Libearalais, eadar na "raidigeach" (far-ainm na “Gólgotas”), is iad airson na saor-mhalairt agus na luchd-chiùird (far-ainm na Draconianos), is iad airson polasaidhean dìonachais. Chuidich taghadh a’ mheadhaich José María Obando mar fhear-ionaid López ann an 1853. Cho-dhùin Libearalaich na làimhe deise is an fheadhainn a bha airson in-mhalairt gun chrìoch sguir a thoirt air na Buidhnean Dheamocratach, is le sin chaidh iad an caidreachas leis na Tòraidhean. Fhuair iad smachd dà-phàirtidh air a’ Chòmhdhail is na roinnean, is mòran chomhairle cuideachd. An uair sin dh’iarr iad gun leigeadh an ceann-suidhe an dreuchd aige. Thug iad airsan gun cuireadh e ainm gu Bun-Reachd ùr a chuir às dhan Arm Nàiseanta, a thug tuilleadh dleastanais dha na Stàitean Feadarail, a dh’fhannaich an Ceann-suidhe agus a fh’fhosgail an t-slighe chun in-mhalairt gun chrìoch.

Dh’ iarr na luchd-ciùird do Oblando, is iad gan cuireadh air rian ann am mailisidh, gun do dhùineadh e an Còmhdhail agus gum biodh e na dheachdaire an t-Sluaigh 17 an Giblean 1854. B’ fheàrr le Obando an dreuchd aige a leigeil agus an uair sin chuir na Buidhnean Dheamocratach an grèim e. Chuir iad an ceannas an tairgse do Mhelo, a bha os cionn na Feachdan Armachd ann an Cundinamarca aig an àm.

Chaidh aige air a bhith ga chumail anns an dreuchd aige eadar an Giblean agus an Dùbhlachd 1854 tro eadar-theachd an Airm. Cha b’ fhada gun do nochd arm neo arm gus a chur às dhan sglamhair. Chuir Tomás Cipriano de Mosquera air dòigh agus mhaoinich e Arm an Tuatha a chaidh sìos bho Barranquilla is esan fhèin os a chionn. Stiùir José Hilario López Arm an Deas a chaidh bhon A’ Chauca agus Huila, agus bha Joaquín París os cionn Rèisimeid na Alto Magdalena, le saighdearan à Antioquia a chaidh thar na h-Aibhne Mhagdalena aig Honda. Chruinnich na trì airm air na faichean àrda mu thimcheall Bhogotá, far an do chuireadh an t-seann cheann-suidhe Pedro Alcántara Herrán os cionn co-bhonn na feachdan. Chuir iad dh’ionnsaigh air a’ phrìomh-bhaile bho thrì taobhan, is Melo ga dhìon le dìreach seach mìle saighdearan gu math cleachdte ris a’ chogadh à Cundinamarca agus saor-thoilich na luchd-chiùird. Rinn Mosquera ionnsaigh bho thuath is, leis an t-Seanalair Tomas Herrara à Panama a’ stiùireadh a’ ghnothaich, ghabh iad am baile tharais sràid air shràid, bho San Diego gu ruige Ceàrnag San Francisco far an robh Melo is a chuid oifigearan. Rinn López ionnsaigh bho dheas agus Paris bhon iar tro San Victorino. Ghabh Herrán thairis na àirdean anns an sgìre “Egipto”. Thàinig na trì feachdan sin ri chèile ann am Plaza Mayor agus mar sin chuir iad Riaghaltas Sìobhalta air dòigh a-rithist.

Chaidh Melo a chuir an grèim is ghabh José de Obaldía, à Panama, an Riaghaltas os làimhe. A dh’aindeoin sin, bha e saor rè na trì cùisean-lagha a fhuair ann an 1855 oir phàigh a charaid is fear-dùthcha Manuel Murillo Toro a chuid urrais.

A dh’aindeoin sin, an dèidh an treas chùis-lagha chaidh 200 daoine a bha airson an ar-a-mach sgapte thall thairis, an cuid stòrais air arbhartachadh, is iad gan cur air falbh gu ruige Panama air coise. Bhàsaich a h-uile duine, ach na saighdearan mar Mhelo, air an rathad. Thog e am bàta airson Costa Rica far an do chuidich e ann an sabaid an aghaidh ionnsaighean an fhir-deuchainn às na Stàitean Aonaichte William Walker ann an Niocaragua. Nuair chuir e ruaig air na ionnsaighean ann an 1859 chaidh e gu El Salvador far an robh e an sàs ann an trèanadh nan saighdear.

Ràinig Melo crìochan Mheagsago 10 an Dàmhair. Dhearbhaich Riaghladair Libearalach na Stàite Chiapas, Angel Albino Corzo, air ceann-suidhe na dùthcha sin Benito Juárez do Mhelo a thoirt a-steach dhan Arm ùr na crìochan a bha a’ sabaid ann an Cogadh na Leasachaidhean. Bha Juárez air gach uile eadar-theachd bho thall thairis a dhiùltadh, fiù’s bho chonsal na Breatainne Mòire George B. Mathew.

Chuir Melo air dòigh buidheann dhe mu bheagan na bu mhotha na ciad saighdear-eich nach robh cleachdte ris a’ chogadh idir, is rinn e air Comitán an uair sin chaidh e airson na crìochan le Guatemala a dhìon. Bha ionnsaighean feachdan an t-Seanalair Juan A. Ortega, à Meagsago ach na fhògarrach anns an dùthaich sin, gu math bitheanta anns an sgìre. Dhiùlt e comhairle an Riaghladair Corzo airson bhuidhne dhe shaighdear-coise a chur air bhog cuideachd

Chaidh ionnsaigh iongantach a chur air an Arm beag aig Juarez tràth sa mhadainn 10 an t-Ògmhios 1860, is iad a’ gabhail fois air an oighreachd ”Juncaná”, suidhichte far a bheil am baile La Trinitaria, ann an Chiapas an latha an-diugh. Fhuair na connspaihichean òrdughan bho Ortega a chur gu bàs Melo. Chaidh sin a dheànamh leis a’ choirpileir Isidro Tordillo agus an t-sàirsdeant José Maldonado, mar a dh’innis dhuinn an litir a sgrìobh Romualdo Guillén, fear dhe saighdear aig Ortega, dìreach ceithir latha an dèidh sin.

Nuair a chuir Ortega sguir air a chuid ionnsaigh anns an sgìre an ceann fichead latha, chaidh e a dhearbhachadh gun do thiodhlaic na Tùsanaich Maya Tojolabal. e ann an seapeal na h-oighreachd “Juncaná”.[5]Steidhich an Riaghaltas Chiaps càrn-chuimhne dhàsan ann an Juncaná.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luis Angel Arango
  4. Genealogía Colombiana
  5. El General José María Melo, el Ché del siglo XIX (Spàinntis)

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Gaviria Liévano, Enrique 2002: El liberalismo y la insurrección de los artesanos contra el librecambio. Universidad de Bogotá Jorge Tadeo Lozano. ISBN 958-9029-49-3
  • Ortiz Vidales, Darío 1980: José María Melo: la razón de un rebelde. Tercera Edición, Editorial Producciones Géminis, Ibagué, 2002.
  • Vargas Martínez, Gustavo 1972 Colombia 1854: Melo, los Artesanos y el Socialismo. Editorial Oveja Negra. Bogotá.
1998: José María Melo, los artesanos y el socialismo. Planeta Editorial, Bogotá. ISBN 958-614-668-5