Jump to content

Aquileo Parra Gómez

O Uicipeid
Aquileo Parra Gómez
Beatha
Breith Barichara, 12 dhen Chèitean 1825
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Pacho, 4 dhen Dùbhlachd 1900
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B’ e José Bonifacio Aquileo Elías Parra Gómez saighdear, neach-malairt agus neach-poileataigs à Coloimbia. Rugadh e ann am Barichara, Santander air an 12 an Cèitean 1825, agus chaochail e ann am Pacho, Cundinamarca air an 4 an Dùbhlachd 1900. Bha e na bhall a’ Phàrtaidh Libearalach, agus na cheann-suidhe na poblachd eadar 1876 is 1878.[1][2]

Toiseach tòisichidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Cha b’ urrainn dha ach clas a còig aig a’ bhun-sgoil a choileanadh leis gun do leig e an sgoil airson a dh’obair mar reiceadair adan agus le sin rinn e fortan gu math làidir dhà fhèin an ceann corra bhliadhna, is e ag obair ann am puirt na h-aibhne Mhagdalena (mar Neiva, Magangué agus Mompós). Leis gu robh fosgladh an t-slighe gu Carare uabhasach cudromach taobh ghnìomhachais, thug e dreuchd mar riochdaire a’ companaidh ga stèidheachadh gus an slighe ath fhosgladh agus a chumail a’ dol, ach dh’fhàilnich e leis cho fiadhaich ‘s a bha na Tùsanaich a shabaid na aghaidh agus leis cho gann ‘s a bha deagh bhathair ri reic.

Beatha Poblach

[deasaich | deasaich an tùs]

Thoisich e a bheatha anns a’ poileataigs mar Rùnaire Riaghaltas na Roinn Vélez. Nuair a chuir José María Melo (an Deachdaire) às dhan Riaghaltas laghail, chaidh Parra dìreach gu ruige Ocaña, airson a bhith ri taobh Feachdan laghail an t-seann chinn-suidhe Tomás Herrera. Nuair a bha e ann am Pinchote còmhla ri ceannard Airm an Tuatha, chaidh e a dh’ainmeachadh Riaghladair Eadarach na Vélez le dleastanas airson an òrdugh bun-reachdail a stèidheachadh anns an roinn sin a-rithist. Chaidh e a thaghadh na bhall airson Vélez aig Co-chruinneachadh na Roinne sin ann an 1854 agus 1856. An uair sin chaidh e a thaghadh mar bhall a’ Cho-chruinneachadh ann am Pamplona, a dheasaich Bun-Reachd na Stàite Ùr Shantander, ach cha b’ urrainn dha a bhith an làthair. A dh’aindeoin sin, chaidh e a dh’ainmeachadh a’ chiad neach-ainmichte Seanadairean Shantander leis a’ bhuidheann sin co-dhiù. Ann an 1858 chaidh e a thaghadh mar Bhall a’ Mhòire-dhail Shantander, agus fhad ‘s a bha e na dhreuchd chaidh e a thaghadh mar riochdaire anns a’ Mhòr-dhail nàiseanta airson airson Santander (1859), agus thoisich an teirm aige 1 an Gearran 1860.

Chaidh dithis fhir-ainmichte a chur an àite aige dà thurais ann an 1877 air sàilleabh gu robh e gu math tinn: a’ chiad turas ‘s e an Seanailear Sergio Camargo a fhuair an dreuchd, is Salvador Camacho Roldán an dàrna turas. An dèidh a’ chinneas a leigeil, bha e an sàs anns an àiteachas air an oighreachd aige ann am Pacho, ach an ceann mu fhichead bliadhna, ann an 1897 dh’ iarr Pàrtaidh Libearalach gun stiùireadh e an aghaidh an Riaghaltais aig Miguel Antonio Caro Tovar e, ach b’ fheudar dha a h-uile càil a leigeil an ceann greiseag. Chaochail e air an oighreachd aige, an dèidh dhan bheatha poblach a leigeil gu tùr.

Rinn Riaghaltas a’ Cho-Chaidreachais Ghranada ionnsaigh an aghaidh na Stàite Shantander, agus chaidh Parra a ghlacadh an dèidh a’ chatha aig El Oratorio, a thachair 15mh an Lùnasdal 1860, far an do chaill na feachdan libearalach aig ceann-suidhe na Stàite sin, Antonio María Pradilla. Chaidh Parra a thoirt gu Bogotá agus bha e anns a’ phrìosan an siud gu ruige 18mh an t-Iuchar 1860, nuair a thug feachdan a’ Chauca, ann an ar-a-mach an aghaidh Riaghaltas na dùthcha, os làimh a’ phrìomh-bhaile agus chuir iad ruaig air feachdan an Riaghaltais. Shabaid e ri taobh Eustorgio Salgar, ceann-suidhe na Stàite Shantander, an aghaidh na feachdan aig an t-Seanailear Canal gus an tug iad orra. Thug e os làimh ceannas a’ Cho-chruinneachaidh Bun-Reachdail ann an Santander 18mh an t-Sultain 1862. An ceann bliadhna thug e pàirt anns a’ Cho-chruinneachadh dhe Rionegro a dh’ath-leasaich am Bun-Reachd agus, ann an 1866, chaidh e a thaghadh mar sheanadair agus an uair sin bha e na chathraiche an -Seanaidh. Leis gur e neach-malairt agus a bh' ann, chuir iad e os cionn Rùnaireachd a’ Mhaoineachaidh (Ministrealachd a’ Mhaoineachaidh an latha an-diugh) nuair a bha Manuel Murillo Toro agus Santiago Pérez de Manosalbas nar cinn-suidhe na dùthcha, eadar 1872 agus 1876, agus gur e ball uabhasach cudromach an dà Riaghaltais a bh' ann co-dhiù.

Ceann-suidhe na Poblachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e na thagraiche airson na Libearalaich Adhartach aig na taghaidhean a’ chinneas dhe 1876 an aghaidh an Tòraidh Bartolomé Calvo agus am Libearalach Meadhanach Rafael Núñez. Chaidh Parra a thaghadh airson an teirm bho 1876 gu ruige 1878.

Bha dà amais bhunaiteach aig an Riaghaltas aige: leasachadh na còmhdhail (gu h-àraidh tro Rèile an Tuatha) agus neartachadh an fhoghlaim poblach neo-chreideamh. Dh’adhbhraich dearbhadh a’ chinn-suidhe Parra gum biodh am foghlam neo-chreideamh neo-aonachd armaichte nan Tòraidh (Cogadh sìobhalta dhe 1876), agus dh’adhbhraich sin iomadh ar-a-mach làidir eile an aghaidh an Riaghaltais Nàiseanta, gu h-àraidh anns na Stàitean dhe Antioquia, Cauca agus Tolima. Thug esan orra anns a’ chogadh le taic bho na Libearalaich neo-eisimeileach (an fheadhainn a bha ri taobh Núñez airson a’ chinneas). Mar aicheamhail, chuir e na easbaigean dhe Pasto, Popayán, Santa Fe de Antioquia agus Medellín às an dùthaich airson taic a thoirt gu ar-a-mach nan Tòraidh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Oifis a' Chinn-suidhe
  2. Leabharlann Luís Angel Arango

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)