Jump to content

Galați

O Uicipeid
Galați
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Galați
Co-chomharran 45° 55 28' Tuath
28° 02 04' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 241.5 km²
Àireamh-shluaigh 249,432 (2011)
Dlùths 1,032.84/km²
Àireamh fòn +40 02 36
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr agus port-aibhne cudromach faisg air Brăila agus na crìochan ris An Ucràin agus Moldàibhia, air an àirde an ear-dheas Romàinia a th' ann an Galați (IPA: ɡaˈlatsʲ, Eadailtis: Caladda, Gearmailtis: Galatz, Pòlais Gałacz). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Danube, aig 55m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Galați. Tha 249,432 duine a' fuireach ann.[1] 'S ann air malairt eadar-nàiseanta agus gnìomhachas trom 's a tha eaconomaidh a' bhaile stèidheachadh.

'S ann às an fhacal کلات (Gàidhlig: dùn) ann am Peirsis agus an t-iar-leasachan -ați s' a tha ainm a' bhaile.[2] Chandadh Malyi Halych (Gàidhlig: feannag-bheag) ris nus tàinig na Mongolaich. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1445. Ghabh Poblachd Ghenobha s làimh Galați anns an 14mh Linn. Bha coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile cho làidir gum fosgadh Cladh Iùdhach ann an 1590. Loisg feachdan na Ruise am baile ann an 1789, a bha na phàirt nan Cogaidhean Tuirceach-Ruisianach. Chèilidh Franz Liszt air Galați ann an 1847. Aig àm Bha Ar-a-mach Luchd na Tuatha ann an 1909 thug feachdan an Riaghaltais, fo stiùir Ion Antonescu, ionnsaigh air Sòisealaich ann an Galați. Chumadh Ștefan Gheorghiu fo ghlasaibh ann an carcair bog fluich an seo fad bliadhna.[3] Ann an 1918 thachair cath an seo, eadar 500 saighdear Romàinianaich agus mu 12,000 Ruisianich Boilseabhach. Thug na Romàinianaich ruaig air na Boilseabhaich. Thug plèanaichean cogaidh - an dà chuid Aimearaganach agus Ghearmailteach Nàsach - ionnsaigh air a' bhaile ann an 1944: rinneadh droch sgrios agus milleadh airs 90% dhen bhaile.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  3. Mihail Gheorghiu Bujor: Ștefan Gheorghiu și epoca sa. (1905–1961). Politicǎ, Bucharest, 1968.