Henri Moissan
B' e ceimigear às an Fhraing a bha ann an Henri Moissan (Paris, 28 an t-Sultain 1852–Paris, 20 an Gearran 1907).
Rugadh e ann am Paris agus dh'imrich a theaghlach do Mheaux nuair a bha e 12 bliadhna a dh'aois. An dèidh do sgoil dh'obraich e ann am bùth-chungaidhean ann am Paris agus an sin anns an Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair. Rannsaich e meatabolachd nan lus agus ceimigeachd iarainn is cròmium. Chaidh e na ollamh aig École Supérieure de Pharmacie ann an 1882 ach cha robh deuchainn-lann ann agus rinn e a dheuchainnean ann an deuchainn-lann Aonadh nan Aonaidhean-ciùird far an deach e na stiùiriche ann an 1880. Leth-oirich e fluarain air a' chiad turas ann an 1886. Chaochail e leis a' pheandaidh ann an 1907.[1]
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a thaghadh mar bhall Acadamh Fhrangach an Leigheis ann an 1888 agus mar bhall Acadamh Fhrangach nan Saidheansan ann an 1891.[1] Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1906 airson an obair aige le fluarain.[2] A bharrachd air sin, b' e an dàrna Iùdhach a choisinn an Duais Nobel ann an Ceimigeachd a-riamh a bh' ann.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Lebeau, Paul: “La vie et les travaux de Henri Moissan” (Fraingis). Annales des Mines. Air a thogail 20mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “The Nobel Prize in Chemistry 1906”. Nobel Media AB. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ “Jewish Biographies: Nobel Prize Laureates”. Jewish Virtual Library, American-Israeli Cooperative Enterprise. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2017.