Archer Martin
Archer Martin | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Lunnainn, 1 dhen Mhàrt 1910 |
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) |
Bàs | Llangarron (en) , 28 dhen Iuchar 2002 |
Teaghlach | |
Cèile | Judith Bagenal (en) (1941 - |
Foghlam | |
Foghlam |
Peterhouse (en) Bedford School (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | bith-cheimigear, ceimigear agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean |
Oilthigh Chambridge Eindhoven University of Technology (en) (1964 - |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd | An Comann Rìoghail |
B' e ceimigear à Sasainn a bha ann an Archer Martin (Lunnainn 1 am Màrt 1910–Llangarron 28 an t-Iuchar 2002). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1952,[1] còmhla ri Richard Synge air sgàth 's gun do dh'innlich iad cròmatografaidh pàirteachaidh, dòigh na h-anailis far an tèid na co-phàirtean a sgaradh a-rèir an sgaoilteachd.[2]
Rugadh e ann an Lunnainn is dh'fhulaing e le doille-fhaclan nuair a bha e glè òg. Dh'ionnsaich e bith-cheimigeachd aig Oilthigh Chambridge is rinn e a dhotaireachd an siud. Nuair a dh'obraich e airson Comann Rannsachadh Gnìomhachas na Clòimhe ann an Leeds, dh'innlich e cròmatografaidh pàirteachaidh. Dh'imrich e gu Boots ann an Nottingham, far an robh e na cheannard roinn bith-cheimigeachd, ann an 1946, is do Chomhairle Rannsachaidh Mheidigeach ann an 1948. Thill e gu gnìomhachas ann an 1959 nuair a chaidh e na stiùiriche Abbotsford Laboratories. Chaochail e ann an 2002.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “The Nobel Prize in Chemistry 1952”. Nobel Media AB. Air a thogail 30mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ McNaught, A. D. is Wilkinson, A.:“Compendium of Chemical Terminology, 2nd ed. (the "Gold Book").”. IUPAC. Air a thogail 28mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ “Archer Martin”, Daily Telegraph. 3s dhen Lùnasdal 2002. Air a thogail 28mh dhen Iuchar 2018.