Malabhaidh
Dziko la Malaŵi Republic of Malawi | |
---|---|
Bratach |
Lùireach |
Laoidh Nàiseanta | |
Mulungu dalitsa Malaŵi (Chichewa) "Oh God Bless Our Land of Malawi" | |
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
Aonachd is Saoirse | |
Cànan(an) oifigeil | Beurla |
Mion-chànan(an) | Chichewa (nàiseanta) |
Prìomh-bhaile | Lilongwe |
Baile as motha | Blantyre |
Riaghaltas | Deamocrasaidh pàrlamaideach |
Ceann-suidhe | Lazarus Chakwera |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd
bhon Rìoghachd Aonaichte |
6mh an t-Ògmhios 1964 |
Poblachd | 6mh an t-Ògmhios 1966 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 118,484 km² (99mh) |
Uisge | 20.6 % |
Àireamh-shluaigh (2018) | |
Iomlan | 17,563,749 (62mh) |
Dlùths | 109/km² (91mh) |
LTD/CCC (2005) | |
gach pearsa | $596 (181mh) |
Roinn tìde | CAT (UTC+2) |
Ruith-airgid | Kwacha |
Prìomh àrainn-lìn | .mw |
Còd Àireamh fòn | 265 |
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Malabhaidh,[1][2], Malawi [3] neo Malaiwi[4][5] (Beurla: Malawi, IPA: |[malaβi]); ainm oifigeil: Poblachd Mhalabhaidh. B' e Nyasaland an seann ainm a bha oirre. Chan eilear cinnteach cò às a thàinig ainm na dùthcha. Tha aon mìneachadh ag ràdh gu bheil e a’ ciallachadh: "deàrrsadh na grèine ag èirigh thairis air an loch". 'S e seo a’ sealltainn ann am bratach na dùthcha cuideachd.
Tha crìochan aice san iar-thuath le Saimbia, sa tuath le Mòsaimbic agus san earra-dheas le Tansainìa. 'S e Lilongwe prìomh-bhaile na dùthcha, ach 's e Blantyre am baile as motha a th' ann.
B’ e David Livingstone a’ chiad duine Eòrpach a ràinig air Malabhaidh anns a’ bhliadhna 1859. An uair sin b' iad na h-Albannaich a thòisich air eaglaisean agus miseanan a thogail, gu h-àraidh timcheall air Loch Mhalawi.
Tha an gleann Great Rift Valley a’ ruith bho thuath gu deas. Anns a' ghleann seo tha Loch Mhalawi (ainm eile: Lake Nyasa).’S e an treasamh loch as motha ann an Afraga agus an deicheamh loch as motha air an t-saoghail. An–diugh tha e dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO.
Iomraidhean
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Dùthchannan aig SMO