Ternopil
Тернопіль
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Ternopilska Oblast
Sgìre Ternopilskyi Raion
Co-chomharran 49° 34 00' Tuath
25° 36 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 72 km²
Àireamh-shluaigh 225,238 (2021)
Dlùths 3,128.31/km²
Àireamh fòn + 380 352
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Ivano-Frankivsk agus Khmelnytskyi anns An Ucràin a th' ann an Ternopil (Ucràinis: Тернопіль, Pòlais: Tarnopol, Iùdais טערנאָפּיל, IPA: terˈnɔp⁽ʲ⁾ilʲ). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Seret, san roinn Ternopilska Oblast. Tha 225,238 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1540 le Jan Amor Tarnowski, mar dhaingneachadh. Rinn feachdan Ibrahim Shishman Pasha droch sgrios air a' bhaile annn an 1675. Thogadh rèile an seo gu ruige Lviv ann an 1870. Bha Ternopil na phrìomh-bhaile Sluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar ann an 1918, an dèidh tuiteam na h-Ostair-Ungaire.[1] Thàinig na Ruineanaich ann an 1939 agus rinn iad geur-leanmhainn air na daoine. Chaill am baile dha na Nàsaich ann an 1941 agus chuir iad pogrom air dòigh a aghaidh nan Iùdhach. Fhad' s a bha na Nàsaich ann, bhàsaicheadh na Iùdhaich nam mìltean, an dà chuid ann an Ghetto a' bhaile agus anns na Campaichean-dùmhlachaidh.[2] Ann an 1991, thàinig Ternopil gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.

Eòlas-sluaigh

deasaich

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Ternopil a' bruidhinn (94.8 %), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (3.37%) cuideachd.[3]

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Dániel Szabó, Zoltán Fónagy, István Szathmári, Tünde Császtvay. "Kettős kötődés : Az Osztrák–Magyar Monarchia (18671918)
  2. R. Kuwałek; E. Riadczenko; A. Dylewski; J. Filochowska; M. Czajka (2015). "Tarnopol". Historia - Społeczność żydowska przed 1989, Wirtualny Sztetl.
  3. Ukcensus

Ceanglaichean a-mach

deasaich