Romhsaigh
'S e eilean ann an Arcaibh a th' ann an Robhsaigh [1][2] neo Romhsaigh [3] (Lochlannais: Hrólfs-øy (Eilean Hrolf)[4]; Beurla: Rousay). Tha e suidhichte san ear-thuath air Mòr-thìr, Arcaibh. Tha na h-eileanan Egilsay san ear agus Wyre san ear-dheas. Ann an 2011 bha 216 daoine a' fuireach an seo.[5]
Cruth na tìre
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Robhsaigh cho mòr ri 4860 ha. Tha seann chlach-ghainmhich dearg cumanta ann an Robhsaigh.[4]
Le 250 m de dh'àirde 's e Blotchnie Fiold a' bheinn as àirde air an eilean.[6] Tha e suidhichte aig ceann an ear-dheas an eilean anns an Trumland Nature Reserve, raon a fo chùram Comann Rìoghail Dìon nan Eun. Beagan nas fhaide chun an iar-thuath, ann am meadhan an eilean, tha a' bheinn Twelve Hours Tower (210 m) ann agus tha an "Suso Burn" eatarra. San ear-thuath air Blotchnie Fiold, air an taobh eile den t-Suso Burn chithear Kierfea Hill (235 m) agus nas fhaide gu tuath Faraclett Head (107m). Tha na beanntan san iar Robhsaigh nas ìsle, tha Brae of Moan san iar-thuath an eilean mu 122 m de dh'àirde. Tha Ward Hill (198m) suidhichte aig ceann an iar-dheas an eilean.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Àireamh-shluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]Mar a chithear anns a' chlàr a leanas dh'atharraich àireamh muinntir an eilein tro na linntean.[4]
Bliadhna | Àireamh-shluaigh |
1841 | 982 |
1881 | 873 |
1891 | 774 |
1931 | 468 |
1961 | 237 |
1981 | 209 |
1991 | 217 |
2001 | 212 |
2011 | 216 |
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ MacLeòid, Iain (1995): Atlas airson Alba. Acair Ltd. Steòrnabhagh ISBN 0861521501
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ "Alba" le Roy Pedersen
- ↑ 4.0 4.1 4.2 Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 383-386; ISBN 9781847672773
- ↑ National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 8 an Lùnastal 2015
- ↑ Hill Bagging (Beurla)
Le daoine | Mòr-thìr • Auskerry • Bheastraigh • Burray • Egilsay • Flotta • Gairsay • Graemsay • Holm of Grimbister • Hòigh • Iadaigh • Inner Holm • Papa Westray • Raghnallsaigh • Rinneansaigh • Romhsaigh • Sanndaigh • Siapansaigh • South Walls • Stronsaigh |
Gun dhaoine | Brough of Birsay • Calf of Flotta • Cava • Colbh Iadaigh • Copinsay • Corn Holm • Damsay • Eynhallow • Fara • Faray • Glims Holm • Helliar Holm • Holm of Faray • Holm of Huip • Holm of Papa • Holm of Scockness • Hunda • Kili Holm • Lamb Holm • Linga Holm • Muckle Green Holm • Muckle Skerry • Papa Stronsay • Pentland Skerries • Rusk Holm • Rysa Little • Sweyn Holm • Switha • Swona • Sùla-Stac • Sùlaisgeir • Wyre |