Jump to content

Oilthigh Chologne

O Uicipeid
Oilthigh Chologne
Stèidhichte 1388
Suidheachadh Köln, a' Ghearmailt
Oileanaich 45.606 (2012/13)
Làrach-lìn http://www.uni-koeln.de/

Is e an t-oilthigh as motha anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Chologne (Universität zu Köln ‘sa Ghearmailtis, University of Cologne ‘sa Bheurla). Tha e suidhichte ann an Köln ann an Nordrhein-Westfalen ann an taobh an Iar na Gearmailt.

Oilthigh Chologne

Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an 1388 anns an Iompaireachd Naoimh nan Ròmanach, anns an dùthaich ris an canar a’ Ghearmailt an-diugh. Mar a b’ àbhaist aig an àm seo bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd. Ach chaidh a dhùnadh ann an 1798, nuair a ràinig Napoleon a’ Ghearmailt.

Airson bliadhnaichean bha muinntir Köln ag iarradh an oilthigh air ais. Mu dheireadh thall dh’fhosgail an Oilthigh a-rithist ann an 1919 le cuideachadh bho Konrad Adenauer. An-diugh tha Oilthigh Chologne ball den Deutsche Forschungsgemeinschaft, comann den oilthighean Gearmailteach a tha a’ dèanamh rannsachadh. Tha nas motha na 200 cuspairean eadar-dhealaichte ann airson nan oileanach. Tha an t-oilthigh ceangailte cuideachd le 16 oilthighean eile air feadh an t-saoghail.

Togalach na Roinn WiSo

Daoine cudthromach anns an Oilthigh Chologne

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]