Jump to content

Nicolaus Copernicus

O Uicipeid
Nicolaus Copernicus
Beatha
Ainm slàn Niklas Koppernigk
Breith Toruń, 19 dhen Ghearran 1473
Dùthaich Rìoghachd na Pòlainn
duine gun stàit
A' Phruis Rìoghail
Àite-fuirich Toruń
Frombork
Kraków
Padova
Bologna
Ciad chànan Middle Low German (en) Translate
Bàs Frombork, 24 dhen Chèitean 1543
Àite-adhlacaidh Bàislig Àrd Chathair-eaglais Àrdachadh Moire agus Naomh Anndra ann am Frombork
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (stròc)
Teaghlach
Athair Mikolaj Kopernik the Elder
Màthair Barbara Koppernigk
Foghlam
Foghlam Oilthigh Jagiellonian
(1491 (Gregorian) - 1495 (Gregorian))
Oilthigh Bhologna
(1496 (Gregorian) - 1500 (Gregorian))
Oilthigh Phadua
(1501 (Gregorian) - 1503 (Gregorian))
Oilthigh Ferrara
(1503 (Gregorian) - 1503 (Gregorian)) Doctor of Canon Law (en) Translate
Stiùiriche an teusais Domenico Maria Novara da Ferrara (en) Translate
Leonhard von Dobschütz (en) Translate
Oileanaich dotaireachd Georg Joachim Rheticus
Cànain renaissance Latin (en) Translate
Middle Polish (en) Translate
Middle Low German (en) Translate
Grèigis
Laideann
Pòlainnis
Luchd-teagaisg Antonio Urceo (en) Translate
Albert Brudzewski (en) Translate
Domenico Maria Novara da Ferrara (en) Translate
Leonhard von Dobschütz (en) Translate
Oileanaich Georg Joachim Rheticus
Dreuchd
Dreuchd reul-eòlaiche, lagh-eòlaiche, eaconamaiche, matamataigear, legal scholar (en) Translate, fiosaigiche, feallsanaiche, eadar-theangair, lighiche, dioplomat, sgrìobhadair, canan agus canon (en) Translate
Àitichean-obrach Frombork
Fastaichean Oilthigh Phadua
Oilthigh Jagiellonian
Obraichean comharraichte Commentariolus (en) Translate
De revolutionibus orbium coelestium (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Aristarchus of Samos (en) Translate, Martianus Capella (en) Translate, Domenico Maria Novara da Ferrara (en) Translate, Ptolomaidh, Aristoteles, Al-Battani (en) Translate agus Nasir al-Din al-Tusi (en) Translate
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Eaglais Chaitligeach

B’ e Nicolaus Copernicus (Gearmailtis: Nikolaus Korpernikus, Pòlais Mikołaj Kopernik) a’ chiad reul-eòlaiche anns an Roinn Eòrpa a sgrìobh teòiric phuncail mu An Crios-grèine agus riochdaire dioplòmasach. Dh’fhoillsich e an leabhar: De revolutionibus orbium coelestium (A thaobh Cuairtean nan Cruinne Speurach). Canar gun do thòisich reul-eòlas ann an nòs ùr air sgàth an leabhair sin.

Beatha Copernicus

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Nicolaus Copernicus air 19mh Gearran, 1473 ann an Toruń, Rìoghachd na Pòlainn (1385 - 1569) anns an t-seann dùthaich, A’ Phruis. Eadar 1491 is 1494 bha e a' dol gu Oilthigh Jagiellonian ann an Kraków. An uair sin chaidh e don Eadailt. An toiseach bha e ann an Oilthigh Bhologna, far an do dh’ionnsaich e lagh agus reul-eòlas. An dèidh sin, chaidh e gu Oilthigh Phadua ann am Padova, far an do dh’ ionnsaich e a bhith na dhotair. Chuir e an cuid as motha den bheatha aige seachad ann an Frombork/Ermland ri taobh a' Mhuir Baltach. Bha e ag obair mar fhear-lagha, dotair, luchd-obrach clèireil, riaghladair, neach-chomhairle agus neach-rèite.

Siostam heliocentric

[deasaich | deasaich an tùs]
Siostam geocentric (sios), Siostam grian-mheadhanach (gu h-àrd)

Anns an 16mh linn bha am mòr-shluagh agus an Eaglais Caitligeach den bheachd gun robh an Saoghal ann am meadhan fànais (Siostam cruinn-meadhanach). Ach bho àm gu àm nochdadh beachdan eile: Is dòcha gur e A' Ghrian a th' aig cridhe fànais (siostam grian-mheadhanach). Mar sin dheth, cha robh na beachd-smaointean aig Copernicus cho ùr sin. Bha reuladairean a’ sgrìobhadh mu dheidhinn bho chionn linntean:

  • reuladairean às na h-Innseachan, m.e.: duilleagan Vedic Sanskrit a chaidh a sgrìobhadh ann an 9mh neo 8mh linn ro Chrìosda
  • às a' Ghrèig, m.e: Aristarchus à Samos, mu 270 ro Chrìosda
  • às an Ear Meadhanach, m.e: Ibn al-Haytham às Iorac, (965 - 1039).

Chuala Copernicus mun t-siostam Greugach nuair a bha e anns an Eadailt. Rinn e rannsachadh airson faighinn a-mach mu ghluasad nam planaidean. Mar sin dheth, b’ e Copernicus a' chiad reul-eòlaiche aig an robh siostam matamataigeach gu math mionaideach mu heliocentrism. Thuirt esan gu bheil a’ ghrian anns an aon àite agus gu bheil an Saoghal agus na planaidean eile a’ cuartachadh na grèine. Rinn Kepler obair a bharrachd air an t-siostaim sin. Ach b' e Galileo Galilei am fear a chaidh le teòiric Chopernicus an aghaidh na h-Eaglaise Caitligich (1610 - 1633).

Nicolai Copernici Torinensis De Revolutionibus Orbium Coelestium, Libri VI - On the Revolutions of the Heavenly Spheres, le Nicolaus Copernicus à Torin, sia leabhraichean 1566)

Ann an 1510 sgrìobh Copernicus leabhar beag Commentariolus (Litte Commentary), anns an do thug e seachad na beachdan ùra aige. Thòisich e air sùil gheur a chumail air gluasad nam planaidean airson a dhèanamh cinnteach gun robh an teoiric aige ceart. Bha e ag obair gu math cruaidh fad bliadhnaichean agus chruinnich e na smaointean aige ri chèile ann an leabhar De revolutionibus orbium coelestium (A thaobh Cuairtean nan Cruinne Speurach). Ach bha Copernicus ro dhiùid an leabhar aige fhoillseachadh. Ann an 1539 thachair e ri Georg Joachim Rheticus, (sgoilear Mhelanchthon agus ollamh matamataig à Wittenberg). Chunnaic Rheticus dè cho math 's a bha an leabhar agus thug sin misneachd do Chopernicus. Mu dheireadh thall, dh'aontaich Copernicus an leabhar a chlò-bhualadh. Bha e deiseil dìreach mus do chaochail e air 24mh Cèitean, 1543 ann an Frombork.

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]