Jump to content

Murcia (provincia)

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Murcia (Roinn))
Murcia
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Murcia City (en) Translate
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 11,313 km²
Àireamh-shluaigh 1,461,979 (2014)
Dlùths 129.23/km²
Àireamh fòn + (968)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Murcia (IPA: murθja). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Murcia a th'ann prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd.[1] Tha Murcia aon-roinneil. 'S e Murcia an 9mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 11,313 cilemeatair ceàrnagach, 2.9% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2010 bha 1,461,979 duine de shluagh ann,[2] le dluths aig àireamh 129 duine gach km². ‘S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann an Murcia. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Asambleas Regional de Murcia. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Righlaidh aige.[3]

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir ach tha a' mhòr-chuid nan luchd-rannschaidh dhen bheach gur ann à facal air choireigin ann an Laideann fo riochd Arabais.[4] Tha a h-uile coltas ann gur ann à myrtus (Gàidhlig: miortal) a tha e.[5] Tha cuid eile a' cantainn gur ann à Myrtea no Murtea (Gàidhlig: miortlach) a tha an t-ainm. Thuirt Gaius Plinius gu robh miortlach mòran na bu chumanta an seo na ann an àite sam bi eile san Spàinn. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Ceangal a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Aeropuertos de Murcia
  2. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  3. Asamblea Regional de Murcia
  4. La Verdad
  5. Discursos Histórico de la Muy Noble y Muy Leal Ciudad de Murcia, Francisco Cascales Editorial MAXTOR, 2007