Mosfellsbær
Mosfellsbær
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Sgìre | Höfuðborgarsvæðið | ||||
Co-chomharran | 64° 11' 9 Tuath 21° 37' 13 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 185 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 11,463 (2019) | ||||
Dlùths | 61.96/km² | ||||
Àireamh fòn | + 354 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile air an àirde an iar-dheas Innis Tìle a th' ann am Mosfellsbær. Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, aig 52m os cionn ìre na mara,[1] san roinn Höfuðborgarsvæðið (Roinn a' Phrìomh-bhaile), aig inbhir nan Aibhnichean Leirvogsá, Kaldakvísl agus Varmá, 58km air falbh bho Selfoss agus 371km bho Akureyri.[2] Tha 11,463 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an siathamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur, Hafnarfjörður, Akureyri agus Garðabær 's a th' ann am Mosfellsbær. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðvesturkjördæmi.[4]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir na sàgaichean, b' ann ann am Mosfellsbær a chaidh am bàrd Egill Skallagrímsson a thidholachadh:
Bein Egils voru lögð niður í utanverðum kirkjugarði að Mosfelli[5]
(Chaidh cnàmhan Egil a thiodhlacadh taobh a-muigh cladh ann am Mosfell)
Cha robh ach mu 400 duine a' fuireach ann aig toiseach an 20mh Linn. B' ann an dèidh a' Chogaidh, nuair a dh'fhàg na daoine am fearann airson nam bailtean a thoisich Mosfellsbær ri fhàs. Ged a rugadh e shìos ann an Reykjavík, b' ann ann am Mosfellsbær a chuir Halldór Laxness a' mhòr-chuid dhen bheatha aige, agus far a chaochail e ann an 1998. Tha Gljufrasteinn - an taigh a thog e san sgìre - na thaigh-tasgaidh an latha an-diugh.[6]
Freumh-fhaclachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an t-ainm a' ciallachadh Baile Beinn na Còinnich sa chànan aca, bho Mosa (còinneach), Fell (beinn) agus Bær (baile).
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Einar Arnórsson (1880 - 1955): Neach-poileataigs.
- Ólafur Arnalds (1986): Ceòladair.
- Greta Salóme Stefánsdóttir (1986): Ceòladair.