Jump to content

Falköping

O Uicipeid
Falköping

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Västergötland
Sgìre Västra Götalands län
Co-chomharran 58° 10 30' Tuath
13° 33 11' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 8.54 km²
Àireamh-shluaigh 16,350 (2010)
Dlùths 1,914.52/km²
Àireamh fòn + 46 515
Duilleag oifigeil http://www.falkoping.se/

'S e baile (Suainis: tätort) ann am meadhan na Suaine a th' ann am Falköping. The suidhichte eadar Skara agus Jönköping, anns an roinn Västra Götalands län, 120km air falbh bho Ghöteborg, 288km bho Mhalmö agus 290km bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha agus 300km bho Uppsala.[1] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1100 agus tha 16,350 duine a’ fuireach ann.[2]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à falk (seabhag) agus am facal köping (margaidh) a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Fèil na Sealbhaige dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha cuis eile dhen bheachd gur ann à fala, seann fhacal airson talamh nach robh freagarrach do dh' àiteachas a th' ann, a bheireadh Fèil na Talmhainn Fhalamh dhuinne. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla chipping/shopping agus a' Ghearmailtis kaufen a th' ann köping agus 's e co-dhàimh leis a' Ghàidhlig falamh a th' ann fala. 'S e Falbygden a chanar ris an sgìre mu timcheall a' bhaile.

B' e àite gu math cudromach do Chrìosdaidhean anns an meadhan aoisean leis gu robhar a' dèanamh taistealachd gu eaglais an Naoimh Allghar MacArailt (Suainis: Olof Haraldsson), a bh' anns a' bhaile. Chuireadh às do sin an dèidh An Ath-Leasachaidh. Chaidh am baikle a chlàradh mar Phalokopia ann an 1331 (ann an Laideann) agus mar Ffallaköpwngh ann an 1502 (ann an Suainis).Rinn feachdan às An Danmhairg droch sgrios agus milleadh an seo dà thuras, ann an 1520 fo Otto Krumpen agus ann an 1566 fo Dhaniel Rantzau aig àm Cogadh Lochlannach nan Seachd Bliadhna.[4] bha mu 225 duine a' fuireach anns a' bhaile ann an 1560, ach thuit sin gu 100 ann an 1571. Thogadh ospadal ann an 1856.[5] Thàinig an Rathad-iarainn anns an 19mh linn agus leis an rèile thàinig na taighean-gnìomhachas cuideachd. Dh' fhàg àireamh-sluaigh a' bhaile mean air mhean agus bha 3,135 duine a' fuireach ann aig deireadh na linne.[6]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Luftlinie
  2. Cunntas-sluaigh na Dùthcha
  3. Runeberg
  4. Västergötlands äldre historia - Fakta och hypoteser, 1985, ISBN 91-970452-1-7
  5. Ulla Nordmark, Falköping genom tiderna - del VI, 1990
  6. Björn Bjelke-Holtermann et al, Haglund & söner fabrik i Falköping - En rumslig, social och historisk studie av en industrimiljö, 1985
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: