Dr. Dre
'S e rapair is riochdaire-ciùil ainmeil a tha ann an Dr. Dre (Fìor ainm: Andre Romelle Young, Los Angeles, 18 an Gearran 1965). Bha e na bhall anns an World Class Wreckin' Cru agus N.W.A.[1] agus tha e air da chlàir a chur a-mach leis fhèin, The Chronic ann an 1992 agus 2001 ann an 1999. Lorg e Eminem cuideachd agus riochdaich e a' chiad chlàr aige, The Slim Shady Lp ann an 1999. Chruthaich e stoidhle ùr le bhith a' tarraing air seann chlàran aig George Clinton, ag atharrachadh a' chiùil bho P-Funk gu G-Funk. Chaidh gangsta rap a thoirt air an stoidhle seo, o chionn 's gun robh e a' moladh dòigh-beatha air a ghlacadh le gunnaichean, boireannaich is airgead. Tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth mar rapair, a' briseadh cridhean a luchd-leantainn a bha an dùil a threasamh clàr Detox. Tha e air ghealltainn ge-tà gun cum e air a' riochdachadh chlàran aig rapairean eile. Tha e air 50 Cent, Ice Cube, Eve agus fiù 's Na Rolling Stones a riochdachadh. Tha an rapair Warren G na leth-bhràthair do Dre.