Cuenca (provincia)
Cuenca
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Cuenca (en) | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 17,141 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 219,138 (2014) | ||||
Dlùths | 12.78/km² | ||||
Àireamh fòn | + (969) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Cuenca (IPA: kweŋka). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Cuenca a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Cuenca fad 17,141km²[3] agus tha 219,138 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 35mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 44mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Albacete, Ciudad Real, Guadalajara, Madrid, Teruel, Toledo agus València.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à قونكة (Qūnkatu) [6] ann an Arabais a tha an t-ainm, air sàilleabh gu robh dùn os cionn prìomh-bhaile na sgìre, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Arabach.Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' call an ق (qaf) agus an t-iar-leasachan -tu, a' toirt dhuinn Conca ann an Catalanais agus Cuenca Spàinntis. Tha an fhuaimreag o air atharrachadh dhan dhà-fhoghair ue (/ɔ/ gu /wo/), rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin.[7] Mar a b’ àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Herráiz Gascueña M.G., Ruta de las Rondas, 7 paseos por Cuenca, Ayuntamiento de Cuenca, 2008.
- ↑ Boletín de Filología