Ath-bheothachadh Cànain
Ann an Atharrachadh Cànain tha cànan sluaigh ag atharrachadh gu cànan eile. Bidh sin a' tachairt gu h-àraidh bho mhion-chànanan gu mòr-chànanan ann an dùthchannan far a bheil mion-chultar agus mòr-chultar a' fuireach. Gu tric tòisichidh Atharrachadh Cànan le dà-theangachas ann an aon ghinealach, agus air adhbharan poilitigeach agus inbhe cha chuir an ginealach sin am mion-chànan air adhart ris an ath ghinealach. Aig deireadh na cùise bidh sin a' leantainn gu bàs cànain.
'S e Ath-bheothachadh Cànain oidhirp le daoine, coimhearsnachdan, pàrtaidhean poilitigeach no buidhnean cultarail bacadh a chur air crìonadh cànain. Tha diofar ann eadar oidhirpean bhon bhonn suas (bottom-up), far a bheil a' choimhearsnachd, na daoine fa-leth a' feuchainn ri an cànan aca ath-bheothachadh agus oidhirpean a-nuas (top-down) far a bheil an riaghaltas a' stiùireadh nan oidhirpean.
Tha cànanaichean eadar dà bharail air a' cheist an gabh rudeigin a dhèanamh an aghaidh atharrachadh cànain no an e pròiseas nàdarrach a th' ann. Tha Joshua Fishman gu làidir den bheachd gun gabh cànanan a tha ann an cunnart sàbhaladh. Tha e a' sealltainn sin anns an leabhar aige Can Threatened Languages be saved.
'S e Eabhra an aon chànan a chaidh ath-bheothachadh gu soirbheachail, leis gur e cànan marbh a bh’ ann roimhe, a’ riaghladh air ginealach ùr de luchd-labhairt dùthchasach a chruthachadh gun luchd-labhairt dùthchasach sam bith roimhe mar eisimpleirean anns an 20mh linn.
Sgèile Ceumnaichte Crìonaidh eadar Ginealaichean (Joshua Fishman)
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an Sgèile Ceumnaichte Crìonaidh eadar Ginealaichean a chruthachadh le Joshua Fishman[1] gus pròiseas Tionndadh Atharrachadh Cànain a shealltainn. Anns a' chainnte aige 's e X-ais am mion-chànan, agus Y-ais am Mòr-chànan. X-aich agus Y-aich luchd-labhairt nan cànanan sin.
- 1. X-ais ga cleachdadh ann am foghlam, obair, mòr-mheadhanan is riaghaltas aig ìrean àrda agus nàiseanta.
- 2. Seirbheisean riaghaltais is mhòr-mheadhanan ann an X-ais aig ìre ionadail is sgìreil.
- 3. X-ais ga cleachdadh ann an ionadan obrach (taobh a-muigh na coimhearsnachd) far a bheil X-aich is Y-aich ag obair còmhla.
- 4a. Sgoiltean air leth bhon fheadhainn Y-ach, fo smachd luchd X-ais gu ìre mhòr.
- 4b. Sgoiltean poblach do chlann X-ach, a' teagasg gu ìre ann an X-ais, ach fo smachd Y-ais.
II. TAC a' dol seachad air dà-theangachas (às dèidh a stèidheachaidh)
- 5. Ionnsaichidh daoine leughadh is sgrìobhadh ann an X-ais air taobh a-muigh siostam oifigeil an fhoghlaim.
- 6. Clann ag ionnsachadh 's a' cleachdadh X-ais anns an dachaigh/teaghlach/choimhearsnachd.
- 7. Conaltradh cultarach a' tachairt ann an X-ais am measg sheann daoine sa choimhearsnachd.
- 8. Ag ath-chruthachadh X-ais agus inbhich ag ionnsachadh X-ais mar dhàrna cànan.
I. TAC a' feuchainn ri dà-theangachas a stèidheachadh (ma tha tuigse fheallsanachail ro làimh ann)
Factaran a chuireas cànan air adhart (David Crystal)
[deasaich | deasaich an tùs]Anns an leabhar Language Death[2] bruidhnidh David Crystal mu dheidhinn sia factaran a dh'fhaodadh cuideachadh le ath-bheothachadh soirbheachail:
- feumaidh na daoine an cliù àrdachadh
- feumar beartas na coimhearsnachd àrdachadh an coimeas leis a’ mhòr-chultar
- fàirdeachadh neirt poilitigich is poblaich
- mion-chànan na phàirt ann am foghlam
- sgrìobhadh sìos a’ chànain
- cleachdadh teicneòlas fiosrachaidh airson conaltraidh, ionnsachaidh agus àrdachadh inbhe phoblaich
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Fishman, J. A. Reversing language Shift duilleagan 394-5. Clevedon (1991) Eadar-theangachadh le Iain Mac an Tàilleir
- ↑ Crystal, D. Language Death. Cambridge(2000)
Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Crystal, D. (2000). Language Death. Cambridge : Cambridge University Press. (ISBN 0-521-65321-5) (417.7)
- Fishman, J. A. (1991). Reversing language Shift: Theory and Practice of Assistance to Threatened Languages. Clevedon : Multilingual Matters. [1]
- Fishman, J. A. (ed.) (2001). Can Threatened Languages Be Saved? Reversing Language Shift, Revisited: A 21st Century Perspective. Clevedon : Multilingual Matters. [2]
- Grenoble, L. A. and Whaley, L. J. (1998). Endangered Languages: Language Loss and Community Response. Cambridge University Press. (ISBN 0-521-59712-9)
- Nettle, D. and Romaine, S. (2000). Vanishing Voices. Oxford University Press. (ISBN 0-19-515246-8)
- Reyhner, J. (ed.) (1999). Revitalizing indigenous languages. Flagstaff, AZ : Northern Arizona University, Center for Excellence in Education. (ISBN 0-9670554-0-7)
- Zuckermann, Ghil'ad, Walsh, Michael (2011): “Stop, Revive, Survive: Lessons from the Hebrew Revival Applicable to the Reclamation, Maintenance and Empowerment of Aboriginal Languages and Cultures,” ann an: Australian Journal of Linguistics, leabhar 31, td. 111–127.
- Zuckermann, Ghil'ad, Walsh, Michael (2014): ““Our Ancestors Are Happy!”: Revivalistics in the Service of Indigenous Wellbeing,” ann an: Foundation for Endangered Languages, leabhar XVIII, td. 113-119.
- Zuckermann, Ghil‘ad (2020). Revivalistics: From the Genesis of Israeli to Language Reclamation in Australia and Beyond, Oxford University Press. ISBN 9780199812790 / ISBN 9780199812776