Jump to content

Applegarthtown

O Uicipeid
Applegarthtown

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 08′ 24″ Tuath
03° 24′ 36″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Applegarthtown. Tha e suidhichte aig 61m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Loch Mhabain agus Logarbaidh, ri taobh na h-Aibhne Anainn.[2] Tha e 238km air falbh bho Obar Dheathain, 97km bho Ghlaschu, 19km bho Inbhir Anainn agus 91km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Applegarthtown. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha tèarmainn nam fiadh-bheathach ann.[4] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dha na sgoiltean ann an Logarbaidh neo Loch Mhabain.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gu bheil an t-ainm a' ciallachadh Baile Garradh an Ubhail, bho Seann-Lochlannais epli (Uabhal) agus garðr (Garradh).[5] 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[6] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.

Rachadh rathad Ròmanach tron sgìre o shean[7] agus bha Cill aig Ridirean an Teampaill ann cuideachd. Seo far an d'rinn an Righ Èideard I Shasainn ùrnaigh ann an 1300 air an t-slighe gu Cille Bhlàthain. Chaidh crois mhargaidh a thogail an seo san 17mh Linn[8] agus chumadh fèilltean an seo bho 1685.[9] Thogadh eaglais ùr an seo mu 1760 agus leasachadh ann an 1822 agus 1900 i.[10] Chaidh Applegarthtown agus Sibbaldie a dh'aonadh ann an an pharraist ann an 1609. Tha am parraist seo am broinn pharraist Loch Mhabain a-nis. A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 27 às an sgìre bàs sa Chogadh Mòr[11] agus triùir eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Falling Rain
  2. Geograph
  3. Distance From
  4. Wild Seasons[dead link]
  5. Glosbe
  6. Ordanance Survey
  7. Scottish Places
  8. Scotland's Places
  9. Canmore
  10. Scotland's Places
  11. Scottish War Memorials Project