Úbeda
Úbeda
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Jaén | ||||
Sgìre | Andalusia | ||||
Co-chomharran | 38° 00′ 42″ Tuath 03° 22′ 18″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 403.98 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 35,794 (2014) | ||||
Dlùths | 88.6/km² | ||||
Àireamh fòn | 953 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e baile faisg air Baeza ann an Andalusia (An Spàinn) a th' ann an Úbeda (IPA: uβeða). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 751m os cionn ìre na mara, anns an Roinn Jaén, 56km air falbh bho Jaén fhèin. Thathar a' ràdh gur e am baile as aosta san Roinn Eòrpa air fad a th' ann Úbeda.[1] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 35,794 duine a' fuireach ann.[2]
Freumahn an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S e ainm ro-spàinnteach - Oretani - a th' ann an Úbeda, bho Ibiut, ged a tha coltas Arabais air, bho بَّدَة الْعَرَب (Ubbadat-Al-Arab), air sàilleabh gu robh an sgìre na pàirt Al-Andalus fad linntean.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha beul-aithris na sgìre fhèin ag ràdh gur e Tubal, ogha Mhaois, a stèidhich am baile. A dh' aindeoin sin, tha rannsachaidhean air an deànamh le arc-eòlaichean à Oilthigh Huelva a' sealltainn gu bheil daoine air a bhith nan tàmh an seo fad còrr is 6,000.[3] Thathar cuideachd air tòrr thobhtaichean a lorg bho na linntean mus do ràinig na Ròmanaich. Bha dùn Ibereach, air an robh Iltaca, dìreach 10km air falbh. Dh'atharraich na Ròmanaich an t-ainm gu Baetula agus dh'fhàs am baile mòran, gus an do rinn na Bhandalaich sgrios air ann sgìre agus thuit an eaconomaidh ann an droch staing. Chan ann mus do ràinig na h-Arabaich a thoisich am baile a dh' fhàs a-rithist, o chionn's gu robh e leth-shligheach eadar trì rìoghachdan cudromach. Thuit am baile ann an làmhan nan Crìosdaidh ann an 1233 agus chaidh a h-uile càil a dhoilidh.[4] Bha am baile seo cho beairteach tro Aois an Òir gun do thog an ailtire Andrés de Vandelvira iomadh toglach spaideil ann.[5] Thàinig an trèana dealain - agus turasachd - ann an 1894.[6] Cha robh sabaid an seo aig àm Cogadh Sìobhalta na Spàinne. A dh'aindeoin sin, rinneadh sgrios air an eaglais agus mharbhadh duine neo dithis.[7]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Jorge Robledo (1500 - 1546)[8]
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Turismo
- ↑ IDEPA
- ↑ Ideal
- ↑ Historia de España, Ramón Menéndez Pidal, Tomo XIII, Castilla y León (1217-1349), Espasa-Calpe, Madrid 1990 ISBN-84-239-4800-5
- ↑ José Camón Aznar, Arquitectura y orfebrería españolas del S. XVI, Espasa Calpe. OCLC 865261305
- ↑ Spanish Railway
- ↑ Úbeda y Baeza[dead link]
- ↑ Banrepcultural
- ↑ Femp