Jump to content

Collin

O Uicipeid
Collin

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 04′ 02″ Tuath
03° 31′ 32″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01461

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùin Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cuileann (Beurla: Collin). Tha e suidhichte aig 18m os cionn ìre na mara, air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Mouswald agus Torthorwald, ri taobh an Uillt Lochar[1] agus Loch Roucan. Tha e 248km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 19km bhon Inbhir Anainn agus 101km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Collin. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha cladh[3] agus taigh-òsda[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann às a' Ghàidhlig Cuileann a tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[7]

Tha barpa ro eachdraidheil ann[8] agus chaidh ball-ceàirde Ceilteach a lorg an seo ann an 1966,[9] agus thogadh na Tormodaich caisteal agus cill an seo, air an robh Rokele, a chithear fhathast aig Rockallhead. Chaidh lùchairt thogail an seo leis an teaghlach Grierson, agus 's ann leotha a bhuineadh i gu ruige na 50an.[10] Rugadh Elizabeth Crichton ann an Collin ann an 1779.[11] Stèidhich ise an t-ospadal Crichton an Dùn Phrìs. 'S e breabadairean a bh' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Collin san 19mh Linn agus dh'fhas am baile nuair a dh'fhosgladh an rathad mhòr eadar Cathair Luail agus Glaschu ann an 1825.[12] Tha Collin am broinn pharraist Torthorwald agus a-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 20 duine às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[13] agus còignear eile san Darna Cogadh. Thogadh stèisean-rèile, air an robh Racks, an seo ann an 1848[14] ach dhùnadh ann an 1965 e.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Scottish Places
  2. Distances From
  3. Roucan Loch Crematroium
  4. Travel Lodge
  5. A' Chomhairle[dead link]
  6. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. CAST
  9. Canmore
  10. Canmore
  11. Dumfries Companion
  12. Engineering Timetables
  13. Scottish War Memorials
  14. Lindsay, David M. E. (2002). G&SWR Register of stations, routes & lines. G&SWR Association. Pàirt 6.3, Duilleag