Baile an t-Salainn
'S e baile air costa an iar Siorrachd Àir a Tuath, Alba a th' ann an Baile an t-Salainn (Beurla: Saltcoats).[1] Tha an t-ainm a’ tighinn bhon ghnìomhachas as tràithe a bha sa bhaile nuair a bhathar a’ buain salann bho uisge mara Linne Chluaidh, ga dhèanamh ann am bothain bheaga ri taobh a’ chladaich. Tha e na phàirt den cho-chruinneachadh 'Three Towns' còmhla ri Àird Rosain agus Baile Steaphain agus 's e an treas baile as motha ann an Siorrachd Àir a Tuath.
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Comhairle Siorrachd Àir a Tuath |
Roinn-tìde | UTC±00:00 |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Inbhir Àir |
Domhan-leud is -fhad | 55°38′7″N 4°47′23″W |
Cód a’ phuist | KA21 |
List of monuments | list of listed buildings in Saltcoats, North Ayrshire |
Cód fónaichean-talmhainn | 01294 |
Comharran-cléithe SO | NS245415 |
Chaidh an cala a thogail le Robert Cunningham à Achadh na h-Eirbhe anns an 17mh linn, le taic bho Phàrlamaid na h-Alba agus cìs ionadail air grùdaireachd. Chaidh a leasachadh anns an 19mh linn agus a-rithist ann an concrait nuair a cheannaich am baile ann an 1914 e. Ron Cogadh Rèabhlaideach chaidh luing a thogail ann an Ameireaga ach ri linn a' chogaidh chaidh 64 long a thogail an seo.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Baile an t-Salainn”. Am Faclair Beag. Air a thogail 18mh dhen Iuchar 2023.
- ↑ Graham, A (1984): “Saltcoats, Harbour And Saltpans”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 18mh dhen Iuchar 2023.