Dail M'Fhaolain
'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir an Ear a tha ann an Dail M'Fhaolain neo Dail Meallan[1] (Beurla: Dalmellington). Tha am baile suidhichte air àird an iar-dheas Inbhir Àir air a' mhòr-rathaid A713. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 19′ Tuath agus 4° 23′ Iar.
Anns a' bhliadhna 2020 bha 1,340 duine a' fuireach ann an Dail M'Fhaolain is Burnton.[2]
Tha eachdraidh a' bhaile inntinneach air sgàth 's gum b' e teis-meadhan bhreabadaireachd is mhèinnearachd a bha ann an Dail M'Fhaolain. Tha Loch Dhùin faisg air a' bhaile.
Ainm a' bhaile
deasaichA-rèir Iain Mhic an Tailleir tàinig an t-ainm "Dalmellington" bhon ainm Beurla "Meling’s farm" [3] ach tha feadhain eile ag ràdh gun tàinig e bhon ainm Gàidhlig "Dael Meallain Tuinn" a tha a' ciallachadh "the fort of assembly of the moat-surrounded mound".[4] A-rèir Sabhal Mòr Ostaig 's e "Dail M'Fhaolain" an t-ainm Gàidhlig a th' air Dalmellington[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ “Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 37, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ www.Dalmellington
- ↑ Stòr-dàta SMO
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 480 061
- Dalmellington aig undiscovered Scotland