Jump to content

Ólafsfjörður

O Uicipeid
Ólafsfjörður

Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Ceàrn Fjallabyggð
Sgìre Norðurland eystra
Co-chomharran 66° 4' 2 Tuath
18° 38' 38 Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 787 (2019)
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile beag iasgach agus port ann an ceann a tuath Innis Tìle a th’ ann an Ólafsfjörður (IPA: ouːlafsˌfjœrðʏr). Tha e suidhichte faisg air Akureyri, dìreach aig ìre na mara,[1] san roinn Norðurland Eystra (Roinn an Ear-Thuath), ri taobh Loch mara Eyjafjörður, 397km air falbh bho Reykjavík agus 439km bho Selfoss.[2] Tha 787 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air iasgach agus turasachd, ach tha dì-dhaoineachadh na triobaid mhòr. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðvesturkjördæmi.[4]

Nochd am baile san 65mh caibideil dhen Landnámabók, nuair a thug fear air an robh Óláfur seilbh air an sgìre:[5]

Óláfur nam alla dali fyrir vestan og Óláfsfjörð sunnan til móts við Þormóð og bjó að Kvíabekki. Hans synir voru þeir Steinmóður, faðir Bjarnar, og Grímólfur og Arnoddur, faðir Vilborgar, móður Karls hins rauða.

Thug Olgharach seilbh air na glinn air fad chun an iar, agus Olaffjörður gu deas far a choinnich e ri Tormod, agus ghabh e còmhnaidh aig Kvíabekki. B' e Steinmóður a mhac, athair Bjarnar, agus Grímólfur agus Arnoddur, athair Vilborg, màthair Tearlach Ruadh.

Chaidh rathad a chruthadh ann an 1940 agus thoisich am baile ri fhàs an dèidh an Darna Cogaidh tro ghnothach an sgadain. 'S e nach eil an loch fo dheigh idir sa gheamhradh ged a tha Ólafsfjörður gu math faisge air a' Chearcall Artach. Chaidh an tunail Múlagöng, a tha 3km a dh'fhaide, fhosgladh ann an 1991.[6]

Freumh-fhaclachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm a' ciallachadh Loch Mara Olgharaich sa chànan aca, bho fjörður (Loch Mara) agus Ólaf (Olgharach).

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Falling Rain
  2. Global Feed Distance Calculator
  3. Hagstofa Íslands
  4. Alþingi
  5. Snerpa
  6. Vegagerðin

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: