David Crystal
David Crystal | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Lios na gCearrbhach, 6 dhen Iuchar 1941 |
Dùthaich | Èirinn a Tuath |
Foghlam | |
Foghlam |
Colaiste Oilthigh Lunnainn St Mary's College (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche, sgrìobhadair agus sòiseo-chànanaiche |
Fastaichean | Bangor University (en) |
Duaisean a fhuaras | |
Ballrachd |
An Acadamh Bhreatannach Learned Society of Wales (en) |
davidcrystal.com |
'S e cànanaiche a th' ann an David Crystal. Rugadh e ann an Èirinn a Tuath air 6 an t-Iuchar 1941 agus thogadh e sa Chuimrigh agus ann an Sasainn.
Rinn e ceum ann am Beurla aig Colaiste Oilthigh Lunnainn eadar 1952 agus 1962 agus às dèidh sin bha e a' rannsachadh air Cleachdadh na Beurla. Bhon sin bha e a' teagasg cànanachais aig Oilthigh Bhangor. Tha e a' gabhail ùidh ann an ionnsachadh agus teagasg cànain, bàs cànan agus cleas-chànanas, stoidhle Beurla, Shakespeare agus cuspairean eile. Tha e na neach-taic aig Comann Eadar-nàiseanta nan Tidsearan Beurla mar dàrna Chànan (International Association of Teachers of English as a Foreign Language).
Obair
Sgrìobh David Crystal còrr is 100 leabhar (mòran còmhla ri daoine eile) air mòran diofar chuspairean. 'S e aon de na h-obraichean as ainmeile Cambridge Encyclopedia of Language (1987) agus Cambridge Encyclopedia of the English Language (1995), agus 's e deasaiche an Cambridge Biographical Dictionary, Cambridge Factfinder, Cambridge Encyclopedia, agus an New Penguin Encyclopedia (2003). A bharrachd air sin sgrìobh e tòrr aistean.
Tha an leabhar as ùire aige mu dheidhinn cànan nan teacsaichean fòn-làimhe: Txtng: The Gr8 Db8
Leabhraichean
- Language Death (2002) ISBN 0-521-01271-6
- How Language Works (2007) ISBN 1-58567-848-1
- The Cambridge Encyclopedia of Language (1997) ISBN 0-521-42443-7
- Txtng: The Gr8 Db8 (2008) ISBN 0-19-954490-5
- Think On My Words: Exploring Shakespeare's Language (2008)
- The Fight for English: How Language Pundits Ate, Shot, and Left (2008)
- The Stories of English (2005)
- Discover Grammar (1996)
- Language and the Internet (2001)
- The English Language: A Guided Tour of the Language (2004)
- Words, Words, Words (2007)
Ceanglaichean a-mach
- Làrach-lìn David Crystal
- Blog David Crystal
- Crystal Reference: Companaidh Foillseachaidh Tuairisgeul David Crystal
- Lèirmheas Leabhair le Danny Yee: Leabhraichean David Crystal
- All The Answers: Làrach Mòr-eòlais deasaichte le David Crystal
- The Bio Site: Làrach Eachdraidh-beatha deasaichte le David Crystal le 25000 Eachdraidhean-beatha