Dàrna Poblachd na Spàinne
Dàrna Poblachd na Spàinne Segunda República Española | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1931 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1939 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Madrid (1931–1936) València (1936–1937) Barcelona (1937–1939) | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Spàinntis |
'S e Dàrna Poblachd na Spàinne an t-ainm a bha air An Spàinn eadar 1931 agus 1939, an dèidh gun do chuireadh crìoch gu Deachdaireachd Phrimo de Rivera agus nuair theich an Rìgh Alfonso XIII thall thairis.[1] Chuir Francisco Franco crìoch dhan Phoblachd ann an 1939, nuair bhuannaich e Cogadh Sìobhalta na Spàinne. B' e Madrid agus an uair si València a bh' ann phrìomh-bhaile na Poblachd. Rè 8 bliadhna fhuair an dùthaich trì cinn-shuidhe:
- Niceto Alcalá Zamora
- Diego Martínez Barrio
- Manuel Azaña Díaz
Eachdraidh
Bha suidheachadh sòisealta agus poileataigeach na Spàinne gu math cugallach an dèidh gun do chailleadh An Spàinn a cuid cholonaidhean thall thairis ann an Cogadh an aghaidh na Stàitean Aonaichte ann an 1901. Rachadh an dùthaich bho staing gu staing, Riaghaltas ùr gu Riaghaltas ùr fad na Bliadhnachan. Dh'fhàs an suidheachadh gu math doirbh agus chuireadh às dhan Dheachdaireachd agus dhan Mhonarcachd ann an 1931.[2] Thoisich an dùthaich às ùire le poblachd ùr ann an meadhan Staing an Eaconomaidh air feadh an t-saoghail ri na 30an.
Bhuannaich El Frente Popular (Caidreachais a' Phobaill) na taghaidhean nàiseanta ann an 1936.[3] 'S e measgachadh dhe nàiseantaich ionadail, Sòisealaich, Comannaich agus Anarcaich a bh' ann ann Riaghaltas ùr, is thoisich iad ris an dùthaich atharrachadh gu tùr. Cha do chòrd sin leis an fheadhainn a bha air a bhith cumhachdail san dùthaich bho thùs, gu h-àraidh an Eaglais Chaitligeach, An t-Arm agus na h-Uachdarain. Ann an 1936 sheas an t-Arm an aghaidh an riaghaltais laghail.[4] Fhuair na reubaltaich taic bhon A’ Ghearmailt agus An Eadailt ach cha d’fhuair an Riaghaltas agus ach beagan dhe chuideachaidh bhon An Aonadh Sobhiat. Mhair Cogadh Sìobhalta na Spàinne fad trì bliadhna dhe fuil, caoineadh agus ainneart, gus an do ghabh Francisco Franco an dùthaich os làimhe. Chaochail an ceann-suidhe Manuel Azaña na fhògarrach san Fhraing agus chuireadh ceann-suidhe Chatalòinia, Lluís Companys i Jover gu bàs.[3]