Jump to content

Sylvester Stallone

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 22:00, 11 dhen Dàmhair 2014 le TaxonBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (minimal renamings)
Sylvester Stallone, 2012

'S e cleasaiche às na Stàitean Aonaichte a tha ann an Sylvester Gardenzio Stallone (Eabhraig Nuadh, 6 an t-Iuchar 1946).[1]

Ged an do rugadh e ann an Eabhraig Nuadh, anns na Stàitean Aonaichte, thogadh e ann am Philadelphia. Dh'imrich an t-athair aige, Frank Stallone, Sr., às an Eadailt nuair a bha e òg. Tha am brathair aige, Frank Stallone, na actair is na sheinneadair.

Chaidh aodann Sylvester Stallone a ghoirteachadh aig brèith aige, mar sin tha pàirt den bhile, den teanga is den smigead air clì an aodainn aige air an neartachadh. Nuair a bha e na bhalach òg, bha trioblaidean mòra aige air sgàth 's sin. Anns na sgoiltean bha a' chlann a' tarraing as. Ach mar actair 's e seòra "trademark" a tha ann an cruth aodann Stallone a-nis, gu h-àraid ma bhios e a' cluich dòrnair.

Bha e na oileanach anns an Theater Arts Department aig Oilthigh Mhiami airson trì bliadhna ach cha do chrionaich e sin air sgàth 's gun robh e ag iarraidh feuchainn a bhith na actair. Thòisich e aig aois 25 anns an fhilm The Party at Kitty and Stud's (1970), film a dh'fhàs ainmeil bliadhnaichean as dèidh sin fon ainm Italian Stallion.

Dh'as Stallone ainmeil air feadh an t-saoghail leis an fhilm Rocky (1976). san 24mh den Mhàirt 1975 chunnaic e an co-fharpais dòrnaireachd eadar Muhammad Ali is Chuck Wepner. Thug sin buaidh mhòr air, agus aig ceann trì làithean sgrìobh e an sgriobt airson Rocky. Reic e an sgeulachd seo fo chùmhnant gum biodh e fhèin a' cluich Rocky Balboa. Bha am film gu math soirbheachail, bunnaich e trì duaisean Academy Awards.

Filmichean

  • 1970: The Party at Kitty and Stud's
  • 1970: Lovers and Other Strangers
  • 1970: No Place to Hide
  • 1970: Blood Line
  • 1971: Bananas
  • 1971: Klute
  • 1974: The Lord's of Flatbush
  • 1975: The Prisoner of Second Avenue
  • 1975: Capone
  • 1975: Death Race 2000
  • 1975: Farewell, My Lovely
  • 1976: Cannonball
  • 1976: Rocky
  • 1978: F.I.S.T.
  • 1978: Paradise Alley
  • 1979: Rocky II
  • 1981: Nighthawks
  • 1981: Victory
  • 1982: Rocky III
  • 1982: Rambo (First Blood)
  • 1983: Staying Alive
  • 1984: Rhinestone
  • 1985: Rambo II
  • 1985: Rocky IV
  • 1986: Cobra
  • 1987: Over the Top
  • 1988: Rambo III
  • 1989: Lock Up
  • 1989: Tango & Cash
  • 1990-2010: Entertainment Tonight (streath Tbh)
  • 1990: Rocky V
  • 1990-2010: Live with Regis (sreath Tbh)
  • 1991: Oscar
  • 1992: Stop! Or My Mom Will Shoot
  • 1993: Cliffhanger
  • 1993: Demolition Man
  • 1993-2010: The Tonight Show with Jay Leno (sreath Tbh)
  • 1994: The Specialist
  • 1995: Judge Dredd
  • 1995: Assassins
  • 1996: Daylight
  • 1997: The Good Life
  • 1997: Cop Land
  • 1998: Burn Hollywood Burn
  • 2000: Get Carter
  • 2001: Driven
  • 2002: D-Tox
  • 2002: Avenging Angelo
  • 2003: Taxi 3
  • 2003: Shade
  • 2005: Las Vegas (sreath Tbh)
  • 2006: Rocky Balboa
  • 2007: Inferno: The Making of Rocky Balboa
  • 2008: Rambo
  • 2009: Inferno: The Making of John Rambo
  • 2009: Amerika Idol
  • 2010: The Expendables
  • 2012: The Expendables 2
  • 2013: Bullet to the Head
  • 2013: The Tomb

Iomraidhean

  1. IMDB
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: