Thun
Thun
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Bern | ||||
Cànan | Gearmailtis | ||||
Co-chomharran | 46° 46 00′ Tuath 07° 38 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 21.58 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 42,623 (2010) | ||||
Dlùths | 1,975.12/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 31 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.thun.ch |
‘S e baile mòr ann an cridhe na h-Eilbheis a th’ ann an Thun (Fraingis: Thoune). ‘S ann às a’ Ghallais Dunum (Gàidhlig: Dùn) a tha an t-ainm. Chaidh am baile seo a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 7mh Linn leis a’ mhanach Fredegar, ged an robh daoine air a bhith a’ fuireach an seo ro àm nan Ròmanach. Tha e suidhichte aig beul na h-aibhe Aare air an Loch Thun (Gearmailtis: Thunersee), aig 560m os cionn ìre na mara[1] anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Bern, 98km air falbh bho Zürich, 127km bho Ghenève agus dìreach 25km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 42,623 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 11 baile as motha na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Thun.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Guy Bovet (1942) Ceòladair.
- Simona di Silvestro (1988): Dràibhear Rèiseadh.
- Niklaus Gerber (1850 – 1914): Ceimigear.
- Renée Schwarzenbach-Wille (1883 – 1959): Dealbhadair Chamara.
- Jean Ziegler (1934): Eòlaiche-comainn.