Jump to content

Socrates

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Sokrates)
Socrates
Beatha
Breith Alopeke (en) Translate agus An Àithne, 469 BCE
Dùthaich Baile na h-Àithne clasaigeach
Àite-fuirich Baile na h-Àithne clasaigeach
Bàs An Àithne, 15 dhen Ghearran 399 BCE
Nàdar a’ bhàis fèin-mhurt sparrte air neach (hemlock poisoning (en) Translate)
Teaghlach
Athair Sophroniscus
Màthair Phaenarete
Cèile Xanthippe (en) Translate
Myrto (en) Translate
Clann
Foghlam
Cànain Seann-Ghrèigis
Oileanaich Platon
Xenophon (en) Translate
Antisthenes (en) Translate
Aristippus (en) Translate
Isocrates (en) Translate
Euclid of Megara (en) Translate
Phaedo of Elis (en) Translate
Aeschines of Sphettus (en) Translate
Chaerephon (en) Translate
Simmias of Thebes (en) Translate
Cebes (en) Translate
Menexenus (en) Translate
Apollodorus (en) Translate
Alcibiades (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche, neach-teagaisg, sgrìobhadair agus ethicist (en) Translate
Buaidh Anaxagoras (en) Translate, feallsanachd ro-Shocraticeach agus sophist (en) Translate
Ballrachd boule (en) Translate
IMDb nm1419271

B' e feallsanaiche cudromach Greugach a bha ann an Socrates[1] (Greugais: Σωκράτης) (470 RC–399 RC). Dh’fhuirich e anns a’ bhaile mhòr An Àithne. Mar fheallsanaiche, bha ùidh aig Socrates air beus-eòlas. Chuir e ceistean mu dheidhinn dhaoine, mar eisimpleir, ciamar a bhios duine math gu fìor. 'S ann tric a dh’fhaighnicheadh e ceist le ceist eile na bu dhoimhne. Na linn-sa, b'e sin dòigh ùr airson comhaichidhean an toirt am follais. Anns an là an-diugh, 's e "am modh Sòcraiteach" a chanas sinn ris.

'S ann tric a chanar air Socrates gum b' e ‘Athair na feallsanachd siar’ ged nach do sgrìobh e sion de dh’fheallsanachd a-riamh. 'S e as coireach ri sin gum b’e na h-obraichean de Phlaton, an t-oileanach aig Socrates, agus na h-obraichean de dh’Aristotélīs, an t-oileanach a bhiodh aig Platon, nan obraichean a bu chudromaiche ann am feallsanachd fad còrr 's mìle bliadhna.

Beatha Socrates

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil mòran de dh’fhios againn mu dheidhinn beatha Socrates. Bha e beò cho fada air ais 's nach eil fiosrachadh dha-rìribh againn mu a dheidhinn. Tha sgeulachdan cudromach againn o dhuine no dhà a bha beò aig an àm siud. 'S iad na càraidean aig Socrates (mar Platon, agus Xenophon, eachdraiche Greugach) a bh’ ann a' chuid dhiubh, agus 's e daoine a dhèanadh sgeig air Socrates a bh’ ann a’ chuid eile (mar Aristophanes, a sgrìobh dealbhan-cluiche).

Cho fada as aithne dhuinn, cha do sgrìobh Socrates fhèin leabhraichean idir. Sgrìobh an t-oileanach aige, Platon, mu dheidhinn a bheatha, a smuaintean, agus cuideachd a bhàs. 'S e am prìomh-bhun againn air Socrates a th’ ann am Platon.

Thuirt Platon gum b’e Sophroniscos an athair aig Socrates, agus gum b’e Phainarete an t-ainm a bh’ air a mhàthair. Bha a mhàthair na banaltram neo bean-ghlùine, a chuidich do bhoireannaich ann a bhith a’ breith am leanabhan. Dh’fhaoidte gun d’thuirt Socrates gum b’e eisimpleir a mhàthair a thug airsan cuideachadh do dhaoine ann a’ bhith a bheir smuaintean 's beachdan ùra.

Bha Socrates pòsta ri boireannach fada na b' òige air an robh Xanthippe mar ainm. Bhathar ag ràdh gur ann tric a dh’fhàsadh i feargach leis agus gun robh i ainneartach aig uairean. Chan eil fios nan robh am pòsadh aca sona, ach bha triùir chloinne aca co-dhiù.

Their fear de na bunaichean gun robh Socrates na chlachair. Chan eil fhios co-dhiù gur fhìor sin gus nach fhìor. Thathar ag ràdh cuideachd gun do shabaidich e mar shaighdear airson Na Àithne ann an trì chogaidh, 's gun robh e gaisgeil anns a’ bhlàr.

Chuir Socrates an fhearg air móran, 's docha le bhith ro dh'onarach. Chanadh e na bha e a’ smaoineachadh, agus 's ann tric a chanadh e rudan air nach robh daoine airson cluinntinn. Sheall e nach robh fhios aig feadhainn de dhaoine a bha gu math cumhachdach. Chuireadh iad ‘creithleag’ air, airson a comharrachadh gur e duine draghail a bh’ ann nam beachdan-sa.

Tha sgeulachd ann gun do dh’fhaighnich càraid aig Socrates dhen ‘oracail’ (càileach naomh do na Greugaich o shean, dham b' urrainn a bhith a bruidhinn ri na diathan, a rèir creideimh) an robh duine sam bith ann a bha na bu ghlice na Socrates anns An Àithne. Thuirt an oracail nach robh duine ann na bu ghlice. Bha an oracail ainmeil airson a’ bhith ag ràdh rudan nach robh cho soilleir. Thuirt Socrates an còmhnaidh nach robh fios sam bith aige air sion, agus cha do chreid e an oracail. Chaidh e do na daoine as glice anns An Àithne airson ceistean a chur orra. Aig a’ cheann-thall, dh’ionnsaich Socrates gun robh esan dha-rìribh na bu ghlice, chionn 's gun do chreid na daoine eile gun robh fhios aca, ged nach robh. Mar sin, b' e Socrates an aona duine a bha fiosrachail air a chuid aineolas-fhèin, agus mar sin, am fear a bu ghlice.

Mar bhodach, 's ann tric a bhiodh Socrates a’ bruidhinn le fireannaich òga agus balaich agus a’ feuchainn rin teagasg. Theagasg e do na daoine òga a bhith a’ cur cheistean air ùghdarrasan agus a bhith a’ smaoineachadh dhaibh fhèin. Mu dheireadh, chuir na nàimhdean cumhachdach aig Socrates casaid air airson ‘coirbteachd de na h-òigridh’. Thug iad binn bàis air, le bhith ag òl puinnsean.

Bàs Socrates le Jacques-Louis David (1787)

Smuaintean Socrates

[deasaich | deasaich an tùs]

Cha robh ùidh aig Socratiseach ann a' bheus-eòlas. Bha Socrates ag ràdh nach e ach eòlas a th’ anns na subhailcean, eòlas air ge dè bu chòir dhuinn a dhèanamh. Bha e ag ràdh cuideachd gu bheil na daoine gu bunaiteach math, 's nach e ach aineolas as coireach gum bi daoine a’ dèanamh olc. Chuir Sokrátīs cuideam air fèin-theagamh agus fèin-sgrùdadh. 'S ann tric a thèid na faclan “Chan fhiach a’ bheatha mì-sgrùdaichte a mhaireann” a cur às leth Sokrátīs.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mar as àbhaist, tha teacsan anns a' Ghàidhlig a' cleachdadh an aon chruth ris a' Bheurla, faic “Corpas na Gàidhlig”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG). Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 24mh dhen Chèitean 2020.