Sighetu Marmației
Sighetu Marmației Máramarossziget Marmaroschsiget סיגעט Marmarošská Sihoť
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Maramureş | ||||
Co-chomharran | 47° 55 51' Tuath 23° 53 41' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 135.36 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 37,640 (2011) | ||||
Dlùths | 278.07/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 62 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhannach eadar Ivano-Frankivsk agus Baia Mare, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Sighetu Marmației (IPA: ˈsiɡetu marˈmat͡si.ej, seann ainm: Sighet, Ungairis: Máramarossziget, Gearmailtis: Marmaroschsiget, Iùdais: סיגעט, Slòbhacais: Marmarošská Sihoť). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Tisa, aig 274m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Maramureş. Tha 37,640 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann às an fhacal sziget (Gàidhlig: eilean) ann an Ungairis, air neo zeget (Gàidhlig: cathair) ann an Daci, no fiù's sihot (Gàidhlig: margaidh) ann an Slàbhais 's a th' ann ainm a' bhaile. Chaidh Sighetu Marmației a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1326. Buinneadh e dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1554 gu ruige 1660.[2] Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1920 nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile uabhasach fhèin làidir ron Dàrna Chogadh: bha 11,026 Iùdhaich nan tàmh sa bhaile ann an 1920. Chruthaich A' Ghearmailt Nàsach Ghetto Iùdhach ann an Sighetu Marmației mar phàirt an Uile-losgaidh. Rinn na Nàsaich murt air a' mhòr-chuid dhuibh anns na campaichean-losgaidh.[3] Chan eil ach 11 Iùdhaich air fhàgail ann an Sighetu Marmației an latha an-diugh.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Elie Wiesel (1928 - 2016)[4]
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Institutul Național de Statistică
- ↑ Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.
- ↑ Yad Vashem
- ↑ Randolph L. Braham, The Politics of Genocide: The Holocaust in Hungary. Wayne State University Press, 2000, ISBN 0814326919