Ramla
Ramla/الرملة/רַמְלָה
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Ramla | ||||
Sgìre | Meḥoz haMerkaz | ||||
Co-chomharran | 31° 55 39' Tuath 34° 51 45' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 9.993 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 76,246 (2019) | ||||
Dlùths | 7,629.94/km² | ||||
Àireamh fòn | + 972 10102 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr faisg air Tel Aviv, ann an cridhe Iosrael a th' ann an Ramla (Arabais: الرملة, Eabhra: רַמְלָה). Tha e suidhichte aig 80m os cionn ìre na mara, san sgìre Ramla, ann an roinn (Eabhra: מְחוֹז/Meḥoz) air a bheil מֶּרְכָּז/Merkaz (Gàidhlig: Meadhan). Tha 76,246 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Ramla a stèidheachadh ann an 716 le Sulayman ibn Abd al-Malik. 'S ann às an fhacal Arabais رمل/ramil a tha a' ciallachadh gainmheach 's a tha an t-ainm. Bha Ramla na phrìomh-bhaile جُنْد فِلَسْطِيْن/Jund Filastin (Gàidhlig: Roinn fo Armachd Palastaine) gu ruige Cogaidhean na Croise ann an 1099. Bha na Arabaich nan mòr-cuid an seo gu ruige 1948 nuair a theich iad bho feachdan Iosrael.[2] Chaidh an t-eucoireach Nàsach Adolf Eichmann a chrochadh sa phrìosan an seo ann an 1962.[3]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Khayr al-Din al-Ramli (1585 – 1671) Sgoilear Ioslamach.[4]
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Chelyabinsk
- Daugavpils
- Feodosia
- Kansas City (Missouri)
- Khashuri
- Kielce
- Mekelle
- Moers
- Vaughan (Ontario)
- Vyborg
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ CBS
- ↑ Jonathan Pilger, Freedom Next Time: Resisting the Empire, (2006).
- ↑ Cesarani, David (2005) [2004]. Eichmann: His Life and Crimes. Lunnainn: Vintage. ISBN 978-0-09-944844-0.
- ↑ Fay, Mary Ann (2002). "Biography as History: The Exemplary Life of Khayr al-Din al-Ramli". Autobiography and the construction of identity and community in the Middle East. Palgrave Macmillan. ISBN 978-0-312-21966-6.