Pangram
Tha pangram (on Ghreugais: παν γράμμα, pan gramma, "gach litir) 'na abairt 's a bheil gach litir de chànan àraidh a' nochdadh. Mura nochd gach litir ach dìreach aon turas, 's e fìor phangram a chanar ris. Tha iad gu h-àraidh cumanta an-diugh ann an clò-ghrafachd gus dreach nan litrichean ann an cruth-clò a shealltainn.
Buill-eisimpleir
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an Gàidhlig tha Mus d'fhàg Cè ròp Ì le aon tiùb agus Lorg Sìm fiù bò, cè ⁊ neup 'ad àth 'nam buill-eisimpleir de phangramaichean.
Cànain eile
[deasaich | deasaich an tùs]- Beurla: The quick brown fox jumps over the lazy dog (gach litir).
- Duitsis: Lynx c.q. vos prikt bh: dag zwemjuf! (gach litir)
- Gearmailtis: Victor jagt zwölf Boxkämpfer quer über den großen Sylter Deich (gach litir).
- Fraingis: Portez ce vieux whisky au juge blond qui fume (gach litir).
- Turcais: Pijamalı hasta yağız şoföre çabucak güvendi (gach litir)
- Spàinntis: El veloz murciélago hindú comía feliz cardillo y kiwi. La cigüeña tocaba el saxofón detrás del palenque de paja. (gach litir is stràc)
- Ruisis: Любя, съешь щипцы, — вздохнёт мэр, — кайф жгуч (gach litir Chirileach).
- Seacais: Nechť již hříšné saxofony ďáblů rozzvučí síň úděsnými tóny waltzu, tanga a quickstepu. (gach litir is comharra-litreach; eadar-theangachadh: "Dèanadh sacsafonan pecach nan diabhlan an talla a' fuaimneachadh le pongan uabhasach de waltz, tango is quickstep aig a’ cheann thall.")
- Arabais: أبجد هوَّز حُطّي كلَمُن سَعْفَص قُرِشَت ثَخَدٌ ضَظَغ
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am fear Beurla, The quick-brown-fox a chleachdadh co-dhiù a-mach on 19mh linn le Western Union gus na loidhnichean telegraf a chur fo dheuchainn.
Ainmean deuchainne
[deasaich | deasaich an tùs]Tha rud car coltach ri pangram 'ga chleachdadh ann an saoghal a' bhathair-bhog uaireannan. Sin sreath de dh'fhaclan, can ainm, a tha a' cleachdadh gach rud a dh'fhaodadh a bhith cugallach ann am bathar-bog. Mar eisimpleir pasgadh fhaclan, litrichean mòra le stràcan, asgairean is rudan mar sin. Tha ainmean fuadain mar Alasdair Mór Ùisdean GillEasbaig 'ic Iain Mac a' Ghobhainn Fear an t-Srònaich (anns a bheil an dà stràc air litrichean mòra 's beaga, asgair aig toiseach is deireach facail, tàthan an dèidh litreach bheag ro litir mhòr is litir mhòr am meadhan facail) a' toirt cothrom do luchd-leasachaidh seo a chur fo dheuchainn.