Middelburg
Middelburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Zeeland | ||||
Co-chomharran | 51° 30 00' Tuath 03° 37 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 53.05 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 47,308 (2007) | ||||
Dlùths | 891.76/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 0118[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile meadhanach agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Zierikzee, air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th' ann am Middelburg (IPA: mɪdəɫˌbʏrx, Fraingis: Middelbourg, Laideann: Medioburgum). Tha e suidhichte air leth-eilean eadar dà Chaolas: Veerse Weer ann an ceann a tuath agus Westerschelde ann an ceann a deas, 8m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn Tìr na Mara (Duitsis: Zeeland), 131km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 75km bho Rotterdam, 80km bho Den Haag, 72km bho Zundert agus 123km bho Utrecht.[3] Chaidh Middelburg a chlàradh airson a' chiad turas ann an 844 agus fhuair e a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) ann an 1217. Tha 47,308 duine a' fuireach ann.[4] Tha ministear na h-eaglaise Phròstanach sa bhaile, fear air a bheil Klaas Hendrikse, air leabhar neo dhà a sgrìobhadh far a chanas e nach eil Dia idir ann. ‘S e 'Am Ministear Neo-dhiadhaire' am far-ainm a tha air.[5]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Głogów[6]
- Nagasaki
- Simeria
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Utopia
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Centraal Bureau voor de Statistiek
- ↑ Inkpotgenootschaft
- ↑ DB City