Jump to content

Meänkieli

O Uicipeid
Bratach Meänmaa (2007)

'S e cànan Finno-Ugriceach a tha ga bruidhinn ann an Gleann Tornio (Meänkieli: Meänmaa, Suainis: Tornedalen, Fionnlannais: Tornionlaakso) a th' ann am Meänkieli (Suainis: tornedalsfinska). Tha i ga bruidhinn aig gach taobh den chrìoch eadar an t-Suain agus an Fhionnlann, ach tha i air a dìon mar mhion-chànan oifigeil san t-Suain a-mhàin bhon deach Achd Mion-Chànanan na Suaine am bith ann an 2003, còmhla ri Sàmais, Fionnlannais, Iùdhais, agus Romanais.[1]

San latha an-diugh, tha mu 60 mìle duine aig a bheil Meänkieli, a' mhòr-chuid anns na ginealachdan as sine.

Ged nach robh sgilean-leughaidh ann am Meänkieli gan teagasg anns na sgoiltean, gu h-eachdraidheil, tha tòrr sgrìobhadairean ann am Meänkieli fhèin no a bhios a' sgrìobhadh mu dheidhinn Meänmaa. Nam measg, 's iad Mikael Niemi agus Bengt Pohjanen as ainmeile, le leabhraichean anns an dà chànan.

Cuideachd, tha tòrr eadar-theangachaidhean de leabhraichean Suainis air tighinn a-mach ann am Meänkieli, gu sònraichte leabhraichean cloinne.

Tha am pàipear-naidheachd ionadail ann an Haparanda, Haparandabladet/Haaparannanlehti, dà-chànanadh ann an Suainis agus Fionnlannais le suplamaid ann am Meänkieli.[2]

Tha cùrsa air astar aig Oilthigh Umeå ri fhaighinn airson luchd-ionnsachaidh na cànain.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Minoritetspolitik(Suainis). Sametinget. Air a thogail 27mh dhen t-Samhain 2019.
  2. Haaparannanlehdestä kolmekielinen(Fionnlannais), YLE. 10mh dhen Ghearran 2009. Air a thogail 27mh dhen t-Samhain 2019. 
  3. Meänkieli, Nybörjarkurs (steg 1)(Suainis). Oilthigh Umeå. Air a thogail 27mh dhen t-Samhain 2019.