Locomotaibh Co-Co
'S e Co-Co an rèiteachadh cuibhle airson locomotaibhean dìosal agus dealain le dà bogaidh 6-cuibhlichean le uile na aisealan cumhachdach, le motar traicsean fa leth. Tha an seòrsachadh UIC (Roinn Eòrpa) co-ionnan airson rèiteachadh seo Co'Co', no C-C airson AAR (Aimearaga a Tuath).
Cleachdadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha locomotaibhean Co-Co as freagarraiche airson obair bathair oir tha na cuibhlean a bharrachd a chuir traicsean math thuige. Tha iad cuideachd mòr-chòrdte oir tha an àireamh nas motha de aisealan ag adhbhrachadh luchd aiseal nas ìosaile air an rèile.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha na chiad locomotaibhean dealain-dìosal prìomh-loidhne de rèiteachadh Bo-Bo. Fhad's a dh'fhàs iad ann an cumhachd agus cuideam, bho 1937 chleachd na E-aonadan EMD an co-dealbhachd A1A-A1A le sia aisealan airson ag ìoslachadh an luchd, ach bha dìreachd ceithir dhiubh cumhachdach. Às dèidh an Dàrna Cogadh, dh'ordaich an LMS Breatannach dà locomotaibh proto-sheòrsa le feadhainn de na chiad rèiteachaidhean Co-Co.
Bha a' chiad dealbhadh C-C air a chlàradh an locomotaibh einnsean-Hornsby-Akroyd bogadair-an-aghaidh Hornsby gèidse-cumhang bho 1903 airson an Rathad-iarainn Chattenden agus Upnor. Bha tar-chur meacanaigeach dà-astar le innealan-draibhidh ri na bogaidhean agus bha na aisealan air gach bogaidh ceangailte le slatan-cheangal.
Caochlaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Locomotaibhean dealain
[deasaich | deasaich an tùs]Aig an toiseachd cha robh tòrr locomotaibhean dealain ann leis an rèiteachadh cuibhle seo, oir mar as trice tha iad nad aotroime na dealain-dìosalan de cumhachd coltach 's mar sin dh'fhaodadh iad a dèanamh a' chuis le luchd aiseal coltach agus rèiteachadh nas sìmplidh Bo-Bo. 'B e feadhainn de na h-eisimpleirean tràth an CC 7100 Fraingeach bho 1949 agus an Rèile Breatannach EM2 bho 1953.
Fhad's a choileanaich locomotaibhean dealain anns na 1980an cumhachdan anns raon 6,000 hp, nochd dealbhadhan Co-Co ùr, oir bha barrachd aisealan a dhìth a sgaoileadh an cumhachd àrd seo. Bha an Rèile Breatannach Clas 92 gu ceannasach locomotaibh bathair den rèiteachadh seo airson an Tunail Seanail, ged chleachd an Eurotunnel Clas 9 luchd-siubhal an rèiteachadh Bo-Bo-Bo an àite sin. Tha seo a toirt seachad an aon àireamh de aisealan, ach tha an structair bogie nas goiride a toirt seachad raighd nas mìne.
C-C
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an rèiteachaidhean C-C (Co-fhlaitheas) no C'C' (UIC), tha na aisealan air gach bogaidh ceangailte còmhla. Faodaidh seo a bhith airson tar-chur hiodrolach-dìosal le inneal-draibhidh meacanaigeach ri an bogaidh le draibhear-deireannach air gach aiseal. Air neo bogaidh aon-motar le motar singilte. Tha iad seo air a chleachdadh airson an dà chuid locomotaibhean dealain agus locomotaibhean dealain-dìosal.
Ann an comharradh AAR, tha an comharradh an aon rud airson an dà caochlaidh agus chan urrainn eadar-dhealachadh a dhèanamh eadara. Ge-tà tha tar-churan hiodrolach cha mhòr gun fhìos anns na Stàitean Aonaichte, leis an Krauss-Maffei ML 4000 agus an ALCO DH643 a bhith na h-aon eisimpleirean C'C'.
Co+Co
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Co+Co an còd airson rèiteachadh cuibhle coltach ach le alt-cheangal eadar na bogaidhean. Tha na forsaichean bufair agus bàr-tarraing air a ghabhail tro na bogaidhean an àite tron frèam. Bha iad seo sa mhòr-chuid mòr-chòrdte ann an Afraga a Deas.
1Co-Co1
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an rèiteachadh cuibhle 1Co-Co1 roghainn eile ri an rèiteachadh Co-Co a tha air bhith air chleachdadh far an robh e miannaichte ri ìoslachadh an luchd aiseal. Tha aiseal neo-chumhachdach a bharrachd ann an truca pònaidh air gach bogaidh "Co" airson an luchd a sgaoileadh. Air sgàth gu bheil an truca pònaidh alt-cheangal am broinn am bogaidh, tha an rèiteachadh (1'Co)(Co1') ann an comharradh UIC.
Bha an rèiteachadh ainneamh seo sa mhòr-chuid air a chleachdadh ann am Breatainn; air na chiad trì proto-sheòrsa dealbhadh dealain-dìosal prìomh-loidhne Rèile a Deas, 10201-10203, agus an uair sin air carbadan chinneasach anns na Rèile Breatannach Clas 40 agus "Peaks" (Rèile Breatannach Clas 44, 45 agus 46).
1Co+Co1
[deasaich | deasaich an tùs]Mar Co+Co, 's e chaochlaidh alt-cheangal càit' a bheil na forsaichean bàr-tarraing air a ghabhail eadar na bogaidhean an àite tron frèam a th'ann an 1Co+Co1. Bha iad seo air a chleachdadh ann an Afraga a Deas, airson luchdan nas aotroime air an na rèilichean gèidse Cape 3 ft 6 in (1,067 mm) air a chuir sìos gu h-aodrom. Tha àireamh de locomotaibhean dealain Iapanach bho na 1930an, cuideachd air gèidse Cape, mar an EF10 a chleachd an rèiteachadh seo.
2Co-Co2
[deasaich | deasaich an tùs]Bha an Sealainn Nuadh Clas DF air a thogail anns na meadhan-1950an le Dealain Sasannach (English Electric) ann am Breatainn, mar na chiad dìosalan airson na rathaidean-iarainn Sealainn Nuadh 3 ft 6 in (1,067 mm). Bha iad freumhaichte bhon an dealbhadh nas tràithe Dealain Sasannach 1Co-Co1, ach airson barrachd sùbailteachd airson an bonn-cuibhle fada chleachd iad bogaidh ceithir-cuibhle le barrachd cluiche-taobh, an àite truca pònaidh.
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]- Co-Bo, aig a bheil dà bogaidh neo-cheangailte