Ken Kesey
Ken Kesey | |
---|---|
Beatha | |
Breith | La Junta (en) , 17 dhen t-Sultain 1935 |
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte |
Àite-fuirich | Springfield (en) |
Bàs | Sacred Heart Medical Center University District (en) , 10 dhen t-Samhain 2001 |
Àite-adhlacaidh | Kesey Family Farm Cemetery (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse a' ghrùthain) |
Teaghlach | |
Athair | Fred Alvin Kesey |
Màthair | Geneva Wilma Smith |
Clann | |
Foghlam | |
Foghlam |
University of Oregon (en) Oilthigh Stanford Springfield High School (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, nobhailiche, aistear, sgrìobhadair litreachas cloinne agus amateur wrestler (en) |
Obraichean comharraichte |
One Flew Over The Cuckoo's Nest Sometimes a Great Notion (en) |
Buaidh | Jack Kerouac (mul) , William S. Burroughs agus William Faulkner |
Gluasad | postmodernism (en) |
IMDb | nm0450181 |
intrepidtrips.com |
B'e Kenneth Elton "Ken" Kesey (17 an t-Sultain 1935–10 an t-Samhain 2001) ùghdar Aimearaganach a tha as ainmeil airson an leabhar aige One Flew Over The Cuckoo's Nest.
Beatha Tràth
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Kesey ann an Colorado ach thogadh e ann an Oregon, far a bheil One Flew Over The Cuckoo's Nest air a shuidheachadh. As dèidh dha bhith air a thaghadh mar am balach as coltach bhith soirbheachail bhon an àrd-sgoil aige chaidh e gu Oilthigh Oregon. Phòs e ann an 1956 agus bliadhna as dèidh sin fhuair e ceum bachelor bhon oilthigh. As dèidh seo chlàraich e ann an cùrsa airson sgrìobhadh cruthachail aig Oilthigh Stanford agus is ann fhad 's a bha e an seo a thòisich e ag obair aig ionad inntinn. Is ann tron an eòlas a fhuair Kesey air na h-euslaintich anns an ionad a tha cuid de na tachartasan ann an One Flew Over the Cuckoo's Nest stèidhichte air.
One Flew Over the Cuckoo's Nest
[deasaich | deasaich an tùs]Bha One Flew Over the Cuckoo's Nest na shoirbheachas plathadh nuair a chaidh fhoillseachadh ann an 1962. Bha e air a thogail mar dealbh-cluich ann an 1963 le Kirk Douglas a' cluich an caractair, McMurphy, agus cuideachd mar fhilm ann an 1975 air a' stiùireadh le Miloš Forman agus le Jack Nicholson a' cluich McMurphy.
Beatha as dèidh One Flew Over the Cuckoo's Nest
[deasaich | deasaich an tùs]Leis a' bheartas ùr a bha aige, cheannaich e àite ann an California far an robh e fhèin agus a charaidean a' deuchainn leis an droga LSD. Bha e a' creidsinn gum b' urrainn dha drogaichean mar LSD a bhith air an cleachdadh airson rannsachadh inntinn eadar-dhealaichte a' ruighinn agus gum b' urrainn dha seo sòisealtas a' leasachadh. Bha beachdan mar seo, còmhla ris an iomagain a bha aig cuid de dhaoine mu dheidhinn drogaichean anns na seasgadan, dha thoirt gu aire na h-ùghdarrasan laghail. Thachair e gum b' fheudar do Kesey teicheadh gu Meagsago nuair a lorg am poilis e is e a' feuchainn ri cainb a' fliuchadh sìos taigh-beag. Nuair a thill e gu na Stàitean Aonaichte bha e air a chur an làimh agus chuir dhan phrìosan e airson iomadh mìos.
Ann an 1964, nuair a bha aige ri siubhal tarsainn Aimearaga gun Eabhraig Nuadh airson am foillseachadh den dara nobhail aige - Sometimes a Great Notion - chaidh e fhèin agus a charaidean (mar Neal Cassady) a bha gu lèir ann am buidheann leis den t-ainm 'The Merry Pranksters', air turas tarsainn an dùthaich ann an seann bhus-sgoile a dh'ainmich iad Furthur (Further - nas fhada). Tha leabhar Tom Wolfe - The Electric Acid Kool-Aid test - na chunntas den turas seo agus bha e uabhasach poblach leis an linn de hippies a bha ann anns na seasgadan. Thàinig cuid den feallsanachd agus na stoidhlichean aca bho duilleagan an leabhar.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Author and hippie icon Kesey dies”, BBC News. 10mh dhen t-Samhain 2001. Air a thogail 10mh dhen t-Samhain 2018.