Herman Brood
Herman Brood | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Zwolle, 5 dhen t-Samhain 1946 |
Dùthaich | Rìoghachd nan Tìrean Ìsle |
Ciad chànan | Duitsis |
Bàs | Amsterdam agus Hilton Amsterdam (en) , 11 dhen Iuchar 2001 |
Nàdar a’ bhàis | fèin-mhurt (suicide by jumping from height (en) ) |
Teaghlach | |
Cèile | Xandra Jansen (en) |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain | Duitsis |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair, seinneadair is sgrìobhaiche, peantair, actair, bàrd, cluicheadair piàna, sgrìobhadair, sgrìn-sgrìobhaiche, actair film, sgrìobhaiche òran agus cluicheadair-guitàir |
Àitichean-obrach | Arnhem, Groningen, Amsterdam, Na Stàitean Aonaichte, Groningen agus Amsterdam |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Gnè ealain | rock and roll (en) |
Inneal-ciùil |
piàno giotàr guth |
Taigh-clàraidh | RCA Records (mul) |
IMDb | nm0111596 |
hermanbrood.nl |
B' e Actair, Bàrd, Peantair[1] agus Seinneadair ainmeil às Na Tìrean Ìsle a bh' ann an Herman Brood[2] (Zwolle, 5 an t-Samhain 1946 - Amsterdam, 11 an t-Iuchar 2001). Thoisich Brood am piàna a chluich nuair a bha e dìreach 12 bliadhna a dh'aois. Bha e air leth glic ach cha do chòrd an sgoil leis idir. Dh'fhàs e gu math ainmeil mar cheòladair san dùthaich aige fhèin fad na 70an ann ann sreath dhe còmhlan-ciùil: The Moans, Cuby and the Blizzards, Q65 agus Stud. Ach 's e na rinn e còmhla ri Wild Romance, a steidhich e ann an 1977 a tha nas ainmeil nar làithean. Choinnich e ri Anton Corbijn ann an Groningen ann an 1975. Phòs Brood le Xandra Jansen ann an 1985 agus fhuair iad dithis duine-chloinne, Lola agus Holly. Bha nighean eile aige, Brenda, a rugadh ann an 1979. Beag air bheag leig e dheth an Ceòl airson a bhith na pheantair agus na bhàrd.[3] Rinn e mòran dealbhan-balla a chithear ann an Amsterdam an latha an-diugh. Bha e a-riamh ann an trioblaid leis an deoch làidir agus na drugaichean. Cha b' urrainn dha sin leigeil a dheth agus mu dheireadh thall thug Brood ùthachd dha fhèin ann an taigh-òsda Hilton,[4] ann an Hilton an Amsterdam, ann an 2001