Jump to content

Còmhla-bhigein

O Uicipeid
Pieter Breughel nas sine, "Dealbh-talmhainn geamraidh le ribe-eòin", ribe coltach ri chòmhla-bhigein

'S e ribe a th' ann an còmhla-bhigein a bhathar a' cleachdadh airson gobhlain-gaoithe agus eunlaith beaga eile a mharbhadh.

Chuireadh fras coirce no eòrna air an làr, agus shuidhicheadh còmhla air ceithir stoban beaga; bhiodh stob aig gach oisean dhi. Nuair a thionaileadh na h-eòin fon chòmhla, rachadh fear de na stuib a tharraing air falbh. Thuiteadh an còmhla agus mharbhadh na h-eòin.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dwelly: “còmhla-bhigein”. Am Faclair Beag. Air a thogail 22mh dhen Ghiblean 2017.