Blàr mac Faoilteach
Coltas
Tha Blàr Mac Faoilteach na chlachan croitearachd air an t-seann rathad cogail eadar An Gearasdan agus Ceann Loch Leamhain.
Anns an 18mh linn, bha sluagh de 800 duine a' fuireach anns a' bhaile ach, mar a thachair air feadh na Gàidhealtachd, tha seo air crìonadh gu faisg air 50 an-diugh.
Chaidh an t-alltan, Cìoch Innis (no Cìochnis), a shruthas faisg air a' chlachan, a chleachdadh a dhèanamh dealan-uisge don chiad solas-sràid (anns a' Ghearasdan) ann an Alba.
Ghlèidh Blàr Mac Faoilteach an Seann Bhliadhna Ùr gus na 1950an.