Bandar Seri Begawan
Coltas
Bandar Seri Begawan بندر سري بگاوان | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Brùnaidh |
Co-chomharran | 4° 55' Tuath 114° 55 Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | àrd-bhaile: 100.36 km² |
Duilleag oifigeil | http://www.municipal-bsb.gov.bn/ |
'S e prìomh-bhaile Brùnaigh a tha ann am Bandar Seri Begawan[1] (Cànan Jawi: بندر سري بگاوان). Tha ainm a’ bhaile a’ ciallachadh: port-mara den riaghladair anns a’ chànan Mhalaidhsianach. Tha am baile suidhichte air bruach na h-Aibhne Brunei.
Is math as fhiach an lùchairt Istana Nurul Iman fhaicinn. Tha còrr is 1,800 seòmraichean ann. Tha an lùchairt cho mòr ri 200,000 meatair ceàrnagach agus mar sin dheth 's e seo an lùchairt as motha air an t-saoghail. Chaidh Mosg Omar-Ali-Saifuddin a thogail anns a' bhliadhna 1958. Faisg air a' mhosg tha Kampong Ayer, (Gàidhlig: baile-uisge). 'S e baile a th' ann a chaidh a thogail anns an uisge, coltach ri Venice.
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)