An Chorr Chríochach
An Chorr Chríochach | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Contae | Contae Thír Eoghain |
Co-chomharran | 54° 38 00' Tuath 06° 45 00' Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 10,646 (2001) |
Àireamh fòn | + 44 (0) 28 |
Duilleag oifigeil | Comhairle Cheantar na Coirre Críochaí |
'S e baile meadhanach faisg air Tulaigh Óg ann an Contae Thír Eoghain, ann an Èirinn a Tuath a th'ann sa Chorr Chríochach (Beurla: Cookstown).[1] Tha e suidhichte 53km air falbh bho Doire, 53km bho Bheul Feirste agus 149km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1620 le Gall bho thairis ri linn Planntachadh na h-Èireann (Gaeilge: Plandálacha na hÉireann), dìreach deichead an dèidh Teicheadh nan Iarla. Mhill na Goill an sgìre air fad an dèidh ar-a-mach nan Gàidheal ann an 1641.[3]
Bailtean Fearainn
[deasaich | deasaich an tùs]Tha dà bhaile fhearainn dheug sa bhaile, mar a leanas: Clár, Cuil Caochain, Cuil na Francaigh, Cuil na hAbhaill, Cuil Riach, Gort an Leamhraigh, Laigh, Magh Luan, Moin Rois, Sailean Buí agus Tulach, a bharrachd air An Chorr Chríochach fhèin.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Máire Ni Mhealláin (1869–1938): a' chiad neach a bheirsinn ionnanachd sna Stàitean Aonaichte.