Jump to content

Abel Tasman

O Uicipeid
Abel Tasman
Beatha
Breith Lutjegast, 1603
Dùthaich Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte
Ciad chànan Duitsis
Bàs Jakarta, 10 dhen Dàmhair 1659
Teaghlach
Cèile unknown value
unknown value
Foghlam
Cànain Beurla
Duitsis
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche, maraiche agus ùghdar
Àitichean-obrach Amsterdam

B’ e Abel Janszoon Tasman (IPA: ˈaːbəl ˈjɑnsoːn ˈtɑsmɑn, Lutjegast, 1603[1]Batavia, 10 an Dàmhair 1659) taisgealaiche às Na Tìrean Ìsle, a bha ag obair airson Companaidh Aonaichte nan Sear-Innseachan[2] (Duitsis: Vereenigde Oost-Indische Compagnie, neo dìreach an VOC) san 17mh Linn. Tha e ainmeil gus ar làithean airson na bhòidsean a rinn e eadar 1642 agus 1644, le cuideachadh bho Antonie van Diemen. Lorg e Tasmania, Sealainn Nuadh agus Tonga ri linn na bhòidsean sin.[3] Cha do chuir na Tùsanaich fàilte chridheil idir air ach ann an Tonga. Chuireadh òrdan do Thasman talamh mhòr, air an tugadh An Òlainn Nuadh (Duitsis: Nieuw-Holland) ach an canar Astràilia an latha an-diugh, rannsachadh.[4] Bha na h-Òlainndich gu math eòlaichte air oirthir an iar na dùthcha mar-thà, ach bha iad ag iarraidh a bhith a’ faighinn a-mach nan robh Terra Australis na Mhòr-roinn, agus bha feadhainn dhen bheachd gun cumadh an talamh sin an saoghal uile gu lèir ann an co-chothrom. Fiù 's bha iad airson slighe mhara gu ruige An t-Sile a lorg. A bharrachd air sin, bha an VOC an dùil gum fosgladh na bhòidsean am Mòr-roinn ùr sin dhan mhalairt agus gum b’ urrainn dhaibh an talamh a chleachdadh airson prothaid. Thug Tasman ainm do Thasmania. Phòs e dà thuras: ri Claesgie Meyndrix anns a' chiad dol a-mach agus bha nighean aice. Gu dòrainneach, chaochail a bhean agus, ann an 1632 phòs e ri Joanna Tiercx.[5]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Lutjegast Online
  2. VOC Kenniscentrum
  3. New Zealand History Online
  4. Te Ara
  5. Australian Dictionary of Biography