Jump to content

Malabhaidh

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 00:39, 3 dhen Iuchar 2020 le Melvindillinger (deasbaireachd | mùthaidhean)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Dziko la Malaŵi
Republic of Malawi

Bratach

Lùireach
Laoidh Nàiseanta
Mulungu dalitsa Malaŵi (Chichewa)
"Oh God Bless Our Land of Malawi"
Sluagh-ghairm nàiseanta
Aonachd is Saoirse
Cànan(an) oifigeil Beurla
Mion-chànan(an) Chichewa (nàiseanta)
Prìomh-bhaile Lilongwe
Baile as motha Blantyre
Riaghaltas Deamocrasaidh pàrlamaideach
Ceann-suidhe Lazarus Chakwera
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd

bhon Rìoghachd Aonaichte

6mh an t-Ògmhios 1964
Poblachd 6mh an t-Ògmhios 1966
Farsaingeachd
Iomlan 118,484 km² (99mh)
Uisge 20.6 %
Àireamh-shluaigh (2018)
Iomlan 17,563,749 (62mh)
Dlùths 109/km² (91mh)
LTD/CCC (2005)
gach pearsa $596 (181mh)
Roinn tìde CAT (UTC+2)
Ruith-airgid Kwacha
Prìomh àrainn-lìn .mw
Còd Àireamh fòn 265

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Malabhaidh,[1][2], Malawi [3] neo Malaiwi[4][5] (Beurla: Malawi, IPA: |[malaβi]); ainm oifigeil: Poblachd Mhalabhaidh. B' e Nyasaland an seann ainm a bha oirre. Chan eilear cinnteach cò às a thàinig ainm na dùthcha. Tha aon mìneachadh ag ràdh gu bheil e a’ ciallachadh: "deàrrsadh na grèine ag èirigh thairis air an loch". 'S e seo a’ sealltainn ann am bratach na dùthcha cuideachd.

Tha crìochan aice san iar-thuath le Saimbia, sa tuath le Mòsaimbic agus san earra-dheas le Tansainìa. 'S e Lilongwe prìomh-bhaile na dùthcha, ach 's e Blantyre am baile as motha a th' ann.

Cairt Mhalabhaidh

B’ e David Livingstone a’ chiad duine Eòrpach a ràinig air Malabhaidh anns a’ bhliadhna 1859. An uair sin b' iad na h-Albannaich a thòisich air eaglaisean agus miseanan a thogail, gu h-àraidh timcheall air Loch Mhalawi.

Loch Mhalawi le bàtaichean traidiseanta

Tha an gleann Great Rift Valley a’ ruith bho thuath gu deas. Anns a' ghleann seo tha Loch Mhalawi (ainm eile: Lake Nyasa).’S e an treasamh loch as motha ann an Afraga agus an deicheamh loch as motha air an t-saoghail. An–diugh tha e dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO.

Beinn Mulanje ann am Malabhaidh

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Am Faclair Beag
  2. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  3. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  4. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  5. Dùthchannan aig SMO