'S e seòrsa uisge-beatha a tha ann an Laphroaig (IPA: ləˈfrɔɪɡ ). [1] Tha an taigh–stail suidhichte san àird a deas Ìle.

Taigh–stail Laphroaig
Botail Laphroaig a tha 15 bliadhna a dh'aois

Chaidh an taigh-stail a chur air bonn 1815 leis na bràthairean Alex is Donald Johnston. Tha e aig a' chompanaidh Fortune Brands a-nis.

Canar gur e aon de na seòrsaichean uisge-beatha le blas làidir a th' ann. Mar is trice tha e 10 bliadhna a dh'aois, ach tha seòrsaichean le 15 bliadhna is 18 bliadhna a dh' aois gu math cumanta cuideachd.

Iomradh

deasaich
  1. OED; "Pronunciation of Scotch Whiskys". John Butler. Retrieved 2006-04-19.

Ceanglaichean a-mach

deasaich