Worms
Worms
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Rheinland-Pfalz | ||||
Sgìre | Worms fhèin | ||||
Co-chomharran | 49° 37 55' Tuath 08° 21 55′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 108.73 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 85,829 (2004) | ||||
Dlùths | 789.38/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 06241/0624/06246/ 06247 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.worms.de |
‘S e baile meadhanach air an àirde an iar na Gearmailte a th’ ann am Worms (IPA: 'vɔɐ̯ms, Laideann: Vormitia, Eabhra: Vermayza/ורמיזא). 'S ann on t-seann Cheiltis Borbetomagus a tha a' ciallachadh Baile nam Boglach anns a' Ghàidhlig. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 14 RC. Tha e suidhichte aig 92m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Rhein eadar Ludwigshaven agus Mainz, anns an stàit Rheinland-Pfalz. Tha am baile 476km air falbh bho Bherlin, 58km bho Frankfurt, 113km bho Stuttgart agus 34km bho Heidelberg.[2] Tha 85,829 dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile.
Eachdraidh
deasaichChaidh Worms, neo Borbetomagus aig an àm, a stèidheachadh leis an sann Cheiltich ro àm nan Ròmanach. Ghabh Nero Claudius Drusus thairis am baile ann an 14 RC agus thog e daingneach an seo, air an robh Augusta Vangionum.[3] Dh’ fhàs baile Ròmanach mu thimcheall a’ Ghearasdain le ceàrnagan, teampullan is a h-uile càil. Bha obair-crèadha ann air an taobh dheas a’ bhaile is thathar air amphorae chrainn-ola às An Spàinn a lorg cuideachd. Bho 411 gu 413 bha Gunther, Rìgh nam Burgundiōnes (Greugais: Βούργουνδοι), na iompaire brèige ann am Borbetomagus. ‘S e prìomh-bhaile nam Burgundiōnes mus do chuir na Hun (a bha nan Gaolaich air airgead dhan sheanailear Ròmanach Flavius Aetius) ruaig orra ann an 437.[4] Chuir sin stad air creachan nam Burgundiōnes. Chaidh an t-seann sgeulachd Nibelungenlied a stèidheachadh air na tachartasan sin.[5]
‘S e easbaigeachd Chaitligeach a bh’ann Worms bho 614 anns a’ char as lugha, 's dòcha bho 346.[6] Bha am baile gu math cudromach do dh’ Iompaireachd nam Frangach, is thog Tearlach Mòr (Gearmailtis: Karl der Grosse) ionaid riaghlaidh an seo, is na h-easbaigean an urra ris a’ bhaile a chumail, Easbaig Burchard nam measg.
Dh’ fhàs Worms a bhith uabhasach beairteach aig deireadh na meadhan-aoisean. Fhuair am baile tòrr chòirichean sònraichte bho Heinrich IV ann an 1074,[7] is ann uair sin chaidh e a ghairm na Bhaile neo-eisimeileach na h-ìompaireachd (Gearmailtis: Reichsstadt), dìreach fo riaghladh an iompaire fhèin is ghabh caochladh rud cudromach àite anns a’ bhaile air sgàth sin. Chaidh ainmean a chur gu Aonadh Worms ann an 1122; Bha pàrlamaid na h-ìompaireachd (Gearmailtis: Reichstag) an seo ann an 1495, a rinn a dhìcheall airson an iompaireachd a dh’ ath-leasachadh. A bharrachd air sin, bha pàrlamaid eile ga chumail ann an 1521 ann an Worms, a chuir air bhog Èigheachd Worms, a cho-dhùin gur e eucoireach a bh’ann Màrtainn Lutair leis gun do dhiùlt e na creideamhan aige a leigeil dheth.[8] Chaidh a’ chiad dreach a' Thiomnaidh Ùir anns a’ bheurla a chur sa chlò le William Tyndale ann an Worms ann an 1526,[9] air a eadar-theangachadh dìreach bhon Ghreugais, an àite a bhith air a stèidheachadh air an Vulgata ann an Laideann.
Ann an 1689, ri linn Cogadh na Naoi Bhliadhna, rinn feachdan Rìgh Louis XIV na Frainge droch mhilleadh air iomadh bhaile anns an sgìre seo, gu h-àraidh Heidelberg, Mannheim, Oppenheim, Speyer, Worms agus Bingen am Rhein, ged nach robh na Frangach ann ach fad corra sheachdain.[10] Chaidh ainmean a chur gu Còrdadh Worms ann an 1743,[11] a cuir stad air an Dàrna Cogadh Shilesia eadar A’ Phrùis agus An Ostair. Bha na saighdear Frangach air ais ann an 1792 ri linn Ar-a-mach na Frainge. Chaidh easbaigeachd Worms a chur às ann an 1801[12] is am baile am broinn Iompaireachd na Frainge. Thug Còrdadh Vienna am baile do Hessen ann an 1815.
An dèidh iomairtean na h-Ardennes,[13] chaidh na Caidreabhaich air adhart airson ionnsaigh mòra a thoirt air an Rhein, cridhe na Reich. ‘S e àite dìona làidir ann an ceann a deas sgìre na Rhein a bh’ann Worms is shabaid na Gearmailtich gu cruaidh an aghaidh nan Caidreabhach. Le sin, thug an RAF dà ionnsaigh doirbh mòr air Worms le bomaichean làidir tro mhìosan mu dheireadh a’ chogaidh, air an 21 an Gearran agus 18 am Màrt 1945.[14]
An dèidh a’ chogaidh sheall sgrùdadh gun do deach 39% dhen bhaile a mhilleadh.[15] Bha na h-ionnsaighean sin ag amas air an stèisean mòr ann an cridhe a’ bhaile agus ionaid ceimigeach ann an ceann a deas a mhilleadh. Gu mì-fhortanach, chaidh tòrr sgìre am broinn Worms a mhilleadh. Bha 334 plèanaichean cogaidh an sàs anns na h-ionnsaighean is thuit 1,100 tonna dhe bomaichean os cionn Worms taobh a-staigh corra mhionaid, agus loisg na bomaichean cathair-eaglais a’ bhaile. Cha do deach na Aimearaganaich a-steach gu Worms mus robh drochaid Remagen nan làmhan. Chaidh 239 a mharbhadh anns na h-ionnsaighean is chaill 35,000 (60% bho 58,000) an dachaighean. Chaidh 6,490 toglaichean a mhilleadh uile gu lèir. Bha am baile air a thogail a-rithist an dèidh a’ chogaidh, ann an nòs ùr. Tha Worms air a bhith am broinn Rheinland-Pfalz bho uair sin, ged an do chaill e an sgìre, air an taobh thall na h-aibhne, gu Hessen.
Worms nan Iùdhach
deasaich'S e àite pròiseil sònraichte dha na h-Iùdhaich fad na meadhan-aoisean a bh’ann Vermayza neo Vermaysa (ורמיזא neo ורמישא). Ràinig na ciad Iùdhaich aig deireadh an 10mh Linn is chaidh a’ chiad Shìonagoga a thogail ann an 1034. Gu dòrainneach, chaidh mu 800 Iùdhaich a mharbhadh ann am Pogrom an seo ann an 1096 is ‘s e muinntir an àite fhèin agus saighdearan cogaidh-croise a bha bu choireach.[16] Thathar a’ creidsinn gur e am fear as sine san Roinn Eòrpa a th’ann Cladh Iùdhach Worms, a tha air a bhith ann bhon 11mh Linn. Chaidh Sìonagoga Rashi a thogail ann an 1175 is e am fear as sine anns A’ Ghearmailt. Bha e air a mhilleadh is air a shalachadh ri linn Kristallnacht ach chaidh e a thogail a-rithist an dèidh a’ chogaidh. Tha Shlomo Yitzhaki “Rashi”, Elazar Rokeach agus Yair Bacharach air a bhith a-measg ollamhan iùdhach ainmeil a’ bhaile. Dhearbhaich Rabbi Gershom Ben Judah (Rabbeinu Gershom) gu robh ioma-phòsadh toirmisgte airson a’ chiad turas a-riamh, aig co-chruinneachadh nan Rabbi ann an Worms aig toiseach an 11mh Linn.
Fad na linntean, bha sgìre nan Iùdhach aig cridhe am beatha gu ruige Kristallnacht ann an 1938,[17] nuair dhèanadh sgrios is milleadh air an sgìre gu lèir. Chan eil ach Iùdhach neo dhà a’ fuireach ann an Worms an latha an-diugh agus chan eil coimhearsnachd Iùdhach ann idir.[18] A dh’aindeoin sin, tha tòrr togalach na sgìre ann an deagh stàit a-nis, an dèidh na h-obrach a bh’ann fad na 70an is na 80an, is e Taigh tasgaidh fosgailte a th’ann an sgìre co-dhiù.
Bheireadh ionnsaigh le boma-teine air an Sìonagoga ann an 2010. Loisgeadh ochd ceàrnagan an togalaich, is chaidh boma pheatrail a thilgeil tron uinneag. Cha do deach duine sam bith a leòin. Fhuair an ionnsaigh dubh-chàineadh bho Kurt Beck, Prìomhaire Rheinland-Pfalz is gheall esan gun chuireadh na daoine a bha bu choireach an greim is esan ag ràdh, "Cha chuir sinn suas idir le ionnsaighean mar sin air Sìonagoga".[19]
Daoine ainmeil
deasaich- Erentraud: (mu 650 – 710) Naomh na h- Eaglaise Chaitligeach.[20]
- Heribert à Köln: (970 – 1024) Easbaig agus neach-poileataigs.
- Rabbi Meir à Rothenburg: (1215 – 1093) Bàrd, sgoilear an Talmud.[21]
- Rabbi Samuel Adler: (1809 – 1891)
- Curtis Bernhardt: (1899 – 1981) Riochdaire fiolmaichean.
- Hans Diller: (1905 – 1977) Sgoilear clasaigeach.
- Ludwig Edinger: (1855 – 1918) Eòlaiche-inntinn/cuirp.
- Hans Folz: (mu 1435/1440 – 1513) Sgrìobhadair na Meadhan-Aoisean.
- Friedrich Gernsheim: (1839 – 1916) Ceòladair.
- Hanya Holm: (1893 – 1992) Dannsadair.[22]
- Vladimir Kagan: (1927 – ) Dealbhadair Àirneis.
- Johann Nikolaus Götz: (1721 – 1781) Bàrd.
- Hermann Staudinger: (1881 – 1965) Ceimigear.
- Hugo Sinzheimer: (1875 – 1945) Sgoilear lagha.[23]
- Rudi Stephan: (1887 – 1915) Sgrìobhadair Ciùil.
Bailtean Co-cheangailte
deasaichDealbhan
deasaich-
Cathair-eaglais
-
Cathair-eaglais
-
Tùr-uisge
-
Taigh-tasgaidh na Nibelungen
-
Taigh Heyls
-
Drochaid Nibelungen
-
Eaglais an Naoimh Mhàrtainn
-
"Heiliger Sand" Cladh nan Iùdhach
Iomraidhean
deasaich- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cache Coins
- ↑ Omnibiography[dead link]
- ↑ Nibelungenmuseum
- ↑ Friedhelm Jürgensmeier: Das Bistum Worms. Von der Römerzeit bis zur Auflösung 1801. Echter Verlag, Würzburg 1997. ISBN 978-3-429-01876-4
- ↑ Eichfelder
- ↑ Martin Luther
- ↑ Contra Mundum
- ↑ Vauban and the French Military Under Louis XIV: An Illustrated History of Fortifications and Strategies, Jean-Denis Lepage,ISBN 978-0-7864-4401-4
- ↑ Jstor
- ↑ Friedhelm Jürgensmeier: Das Bistum Worms. Von der Römerzeit bis zur Auflösung 1801. Echter Verlag, Würzburg 1997. ISBN 978-3-429-01876-4
- ↑ Worls War II History
- ↑ RAF
- ↑ Sgamboti
- ↑ Jewish virtual Library
- ↑ Jewish virtual Library
- ↑ Destruction of the Jewish Community of Worms, 1933-1945 A Study of the Holocaust Experience in Germany, Pf. Sepher Hermon, ISBN 9789992283554
- ↑ Ha’aretz
- ↑ Nonnberg
- ↑ Chabad
- ↑ Craine, Debra; Mackrell, Judith, eds (2000). "Hanya Holm". The Oxford Dictionary of Dance. New York: Oxford University Press. ISBN 978-0198601067
- ↑ Digifindingaids
- ↑ Annuaire de France
- ↑ Stadt Bautzen
- ↑ Sister Cities
- ↑ Annuaire de France
- ↑ St. Albans City and District Council
- ↑ Riaghaltas Iosrael