Romano Prodi
'S e neach-poileataigs às An Eadailt a th' ann Romano Prodi (IPA: roˈmaːno ˈprɔːdi, Scandiano, 9 an Lùnastal 1939).
Bha e na phrìomh-mhinistear na h-Eadailt eadar 17 an Cèitean 1996 is 21 an Dàmhair 1998, is a-rithist eadar 17 an Cèitean 2006 is 8 an Cèitean 2008. Bha e cuideachd na Cheann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich eadar 1999 is 2004. Am measg na bhràthraichean is peathraichean bha a bhràthair a bu sìne, Giovanni Prodi, na mhatamataigear, Vittorio na fhiosaigiche is neach-poileataigs is Franco Prodi na fhiosaigiche an àile.[1]
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/d/d2/Belgique_-_Bruxelles_-_Schuman_-_Berlaymont_-_01.jpg/220px-Belgique_-_Bruxelles_-_Schuman_-_Berlaymont_-_01.jpg)
Iomraidhean
deasaich- ↑ O' Connor, J. J. ⁊ Robertson, E. F.: “Prodi biography”. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 9mh dhen Lùnasdal 2018.