Parraist
‘S e sgìre bhunaiteach eaglaiseil a th’ann am parraist neo paraiste (Gaeilge: paróiste) agus mar as àbhaist ‘s e sagart neo ministear a bhios ga frithealadh. ‘S ann às a’ Ghreugais παρоικια,[1] tron Laideann paroecia[2] agus an t-seann Fhraigis paroisse (1075) a tha am facal fhèin. Tha dà phàirt san fhacal: παρά = faisg air agus οικος = taigh. Bithear a’ cleachdadh an fhacail ghàidhealach Sgìre an àite parraiste sa Ghàidhlig cuideachd.