Buidheann Cùmhnant an Atlantaig a Tuath
'S e buidheann eadar-nàiseanta airson dìona a tha ann an Buidheann Cùmhnant an Atlantaig a Tuath (Beurla: North Atlantic Treaty Organisation).
Chaidh Cùmhnant a' Chuain Siar a Tuath a shoidhneadh 4 an Giblean 1949 leis a' Bheilg, Canada, Danmhairg, an Fhraing, Innis Tìle, an Eadailt, na Tìrean Ìsle, Nirribhidh, a' Phortagail, an Rìoghachd Aonaichte is na Stàitean Aonaichte is e a' cur banna dleastanais air buill [1]
Nise tha 30 dùthchannan nam buill NATO.[2] Rinn an t-Suain agus Suòmaidh tagradh foirmeil airson ballrachd NATO ann an 2022 an dèidh dhan an Ruis a dh'ionnsaigh an Ucràin.[3]
NATO agus neo-eisimeileachd na h-Alba
deasaichAig àm an reifreann air Neo-eisimealachd na h-Alba 2014 bha poileasaidh Riaghaltas na h-Alba gum biodh Alba neo-eisimeileach na bhall NATO ach cha thèid buill-airm niùclasach suidheachadh air ranntair na h-Alba.[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Founding treaty”. NATO.
- ↑ “NATO member countries”. NATO. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2020.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 18mh dhen Chèitean 2022. Air a thogail 18mh dhen Chèitean 2022.
- ↑ Fleming, Colin (16mh dhen t-Sultain 2014): “Scotland and NATO: a natural partnership?”. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2020.