Miercurea Ciuc
Miercurea Ciuc Csíkszereda Szeklerburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Harghita | ||||
Co-chomharran | 46° 21 34' Tuath 25° 48 06' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 49.3 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 38,966 (2015) | ||||
Dlùths | 790.39/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 66 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhannach eadar Piatra Neamț agus Sfântu Gheorghe, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann am Miercurea Ciuc (IPA: ˈmjerkure̯a t͡ʃjuk, Ungairis: Csíkszereda, IPA: ˈt͡ʃiːksɛrɛdɒ, Gearmailtis: Szeklerburg, IPA: ˈseːklɐbʊʁk). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Olt, aig 662m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Harghita. Tha 38,966 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
deasaich'S ann às an fhacal airson Diciadain (Miercuri) - latha a' mhargaidh seachdainneil - ann an Romàinis 's a tha ainm a' bhaile.[2] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1558 mar Sicolsburgum. Thog Ferenc Mikó lùchairt an seo ann an 1623. Ann an 1661 rinn Ali Pasha à Timișoara sgrios air a' bhaile agus an sgìre mu timcheall air. Anns na bliadhnaichean 1650, 1655, 1677 agus 1707 chumadh co-chruinneachaidhean cathair coitcheann nan Szekler an seo. Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[3] Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922 nuair a ghabh Romàinia os làimh e.
Àireamh-shluaigh
deasaichÀ rèir Cunntas-shluaigh 2015 tha mòr-chuid Ungairianaich (78.54%) agus mion-chuid Romàinianaich (16.77%) a' fuireach ann am Miercurea Ciuc.
Daoine ainmeil
deasaichBailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Institutul Național de Statistică.
- ↑ Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
- ↑ Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.