Luhansk
Luhansk Луганськ
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Luhanska Oblast | ||||
Sgìre | Luhanskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 34 00' Tuath 39° 20 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 257 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 399,559 (2021) | ||||
Dlùths | 1,554.7/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 642 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr faisg air Kramatorsk agus Donetsk anns An Ucràin a th' ann an Luhansk (Ucràinis: Луганськ, IPA: lʊˈɦɑnʲsʲk). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Luhan, san roinn Luhanska Oblast. Tha 399,559 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh ann an 1795 le Charles Gascoigne, neach-gnothaich à Sasainn a thog muilinn-stàilinn an seo.[1] Chanadh Voroshilovgrad ris bho 1935 gu ruige 1958 agus an uair sin bho 1970 gu ruige 1990, mar urram don neach-poileataigs Kliment Voroshilov. Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh feachdan Nàsach eadar 1942 agus 1943 ri linn An Dàrna Cogaidh. Ann an 1991, thàinig Luhansk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
deasaichA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Luhansk a' bruidhinn (85.3%), ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis cuideachd (13.7%).[2] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Luhansk sa chiad leth dhen 20mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[3] A dh'aindeoin sin, thoisich an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Luhansk a thuiteam an dèidh 201, nuair a bha àireamh-sluaigh a' bhaile aig an ìre na b' àirde a bha i a-riamh.
1897 | 1923 | 1926 | 1939 | 1959 | 1970 | 1979 | 1989 | 2001 | 2016 |
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
20.404 | 43.966 | 71.006 | 214.607 | 274.520 | 382.774 | 463.047 | 496.813 | 463.097 | 414.509 |
Daoine Ainmeil
deasaich- Vladimir Dal (1801 - 1872): Cànanaiche agus faclairiche.
- Mikhail Matusovsky (1915 - 1990): Bàrd.
- Yulia Malinovsky (1975): Neach-poileataigs.