Ludwigsburg
Ludwigsburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Stuttgart | ||||
Sgìre | Baden-Württemberg | ||||
Co-chomharran | 48° 53 51' Tuath 09° 11 32′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 43.33 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 87,735 (2010) | ||||
Dlùths | 2,024.81/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)7141 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.ludwigsburg.de |
‘S e baile mòr air àirde an iar-dheas na Gearmailte a th’ ann an Ludwigsburg (Fraingis: Ludwigsbourg). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Daingneach Ludwig, bhon ainm Ludwig agus Burg (Daingneach) anns a’ Ghearmailtis. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1704 is chaidh an lùchairt a thogail eadar 1718 agus 1723 leis an Diùc Eberhard Ludwig às an Diùcachd Württemberg. Tha e suidhichte aig 289m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Neckar, anns an stàit Baden-Württemberg, air iomall Stuttgart. Tha am baile 499km air falbh bho Bherlin (Prìomh-bhaile na dùthcha), 195km bho Mhünchen, 465km bho Bhremen agus dìreach 35km bho Phforzheim.[2] Tha 87,735 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 11mh baile na stàite, an 94mh baile as motha san dùthaich[3] Chaidh sgoil nam filmichean a stèidheachadh ann ann an 1991.