Berkeley, Calafòrnia

(Air ath-sheòladh o Berkeley)
Berkeley
Suidheachadh
Dùthaich Na Stàitean Aonaichte
Ceàrn Alameda
Sgìre Calafòrnia
Co-chomharran 37° 52 00' Tuath
122° 16 00′ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 45.9 km²
Àireamh-shluaigh 106,697 (2008)
Dlùths 2,324.55/km²
Àireamh fòn +1 (510)
Duilleag oifigeil http://www.ci.berkeley.ca.us

‘S e baile mòr agus port air an àirde an iar Nan Stàitean Aonaichte a th’ ann am Berkeley (IPA: ˈbɜrkliː). ‘S ann à ainm an Easbaige George Berkeley, a bha an sàs anns an Eaglais Easbaigeach a tha an t-ainm, leis gun tuirt e gur robh “Slighe na h-ìompaire a’ dol chun an iar”. ‘S e Contra Costa (Gàidhlig: An aghaidh a’ Chòsta) an t-seann ainm Spàinntis a bha aige o shean. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann am 1850. Tha e suidhichte aig 400m os cionn ìre na mara, ri taobh a’ Bhàigh Shan Francisco, anns an stàit Calafòrnia, air iomall Shan Francisco. Tha am baile 3,903km air falbh bho Washington, D.C. (Prìomh-bhaile na dùthcha), 558km bho Los Angeles, 2,967km bho Chicago agus 2,788km bho St. Louis.[1] Tha 106,697 duine a' fuireach anns a’ bhaile. Chaidh Oilthigh UCB a stèidheachadh an seo ann an 1868.[2] Chaochail an Eaconamaiche John Harsanyi agus na Ceimigearan Melvin Calvin is William Francis Giauque an seo.

Daoine Ainmeil

deasaich
  • Frank Chin: (1940) Sgrìobhadair.
  • John Fogerty: (1945) Ceòladair leis na Creedence Clearwater Revival.
  • Peter Buck (1956) Ceòladair le REM.
  • Ben Afleck: (1972) Actair.

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Distance Calculator
  2. UCB

Ceanglaichean a-mach

deasaich